29 tagraiche son coimisean ùr na Croitearachd.
- Published
Tha 29 neach air an ainmean a chuir air adhart son a bhith nam ball air Coimisean ùr na Croitearachd.
Gu ruige seo, 's e an riaghaltas a tha air a bhith a' taghadh nan coimiseanairean.
Thèid pàiperan bhòtaidh a' sgaoileadh do dhaoine a tha clàraichte ann an sgìrean croitearachd a dh'aithghearr.
Feumaidh iad na pàipearan a thilleadh ro 15mh den Mhàirt.
Cothrom eachdraidheil
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur e cothrom eachdraidheil a tha seo son cothrom a thoirt do chroitearan a dhol an sàs.
Tha 9 tagraiche air cuir a-steach son dreuchd choimisineir ann an sgìre na Gàidhealtachd an Iar.
Anns na h-Eileanan an Iar, tha sianar air seasamh, 4 air a' Ghàidhealtachd an Ear agus 5 san Iar-dheas.
Tha dìreach aon roinn anns nach eil ach aon thagraiche a seasamh.
Chaidh an liosta de thagraichean air fad fhoillseachadh le Comhairle na Gàidhealtachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 24 Am Faoilleach 2012