Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

27 Am Faoilleach 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bonusan

Tha ministeir ann an Oifis nan Dùthchannan Cèin, Jeremy Browne, ag ràdh gum bu chòir do dh'àrd-oifigear Banca Rìoghail na h-Alba, Stephen Hester, am bonus luach faisg air millean not a'dhiulteadh. Tha moran a'càineadh a bhonus, ach tha RBS, a bhoineas anns a mhòr-chuid dha'n stàit, a'cur dion air agus iad ag ràdh gu bheil e na shealladh air obair Mhgr Hester ann a bhith a' togail a bhanca a rithist agus a' lùghdachadh na fiachan.

Syria

Thuirt buidhnean cobhair gun deach corr is deich duine fichead, 's clann nam measg, a' mharbhadh 'san fhòirneart mu dheireadh ann am baile Homs ann an Syria. Thuirt fianaisean gu bheil spreadhaidhean agus fuaim uirchairean air a bhith a' dol anns a bhaile bho mhadainn an diugh.

Baghdad

Thuirt oifigich ann an Iraq gun deach sia duine fichead a' mharbhadh ann an ionnsaigh fhein-mhairbhteach ann am Baghdad. Chaidh corr's leth cheud duine a' leoin nuair a thug bomair fèin-mhairbhteach ann an càr, ionnsaigh air sgire Zafaraniyah.

PIP

Chaidh an duine a' chuir a chompanaidh Frangach PIP air bhonn, 's tha aig meadhain sgaineal mu implants bhroillich, a' chuir fo chasaid gun do rinn e leoin ged nach robh sin na bheachd. Chaidh Jean-Claude Mas, a tha 72, a' leigeal ma sgaoil air urras an deidh a' chuir an greim anns a Fhraing an dè.

Seach-rathaid

Beachdaichidh buill Chomhairle na Gàidhealtachd an diugh air planaichean son seach-rathaid ùr do dh'Inbhir Nìs. Bheir a bhuidheann-obrach sùil air ochd roghainnean feadhainn a' dol tarsainn a Chànal Chaileanach, Abhainn Nis agus tro' Phàirce Whin. Tha feadhainn a' gearain gur e coinneamh phrìobhaiteach a tha ann ach tha a Chomhairle ag ràdh gu bhei iad a' cumail ris na riaghailtean. Theid moladh na buidhne obrach seo an diugh mu chonneimh na comhairle shlàn an ceann beagan mhiosan.

Coimisean ùr na Croitearachd

Seasaidh naoi duine fichead ann an taghadh son àite air Coimisean ùr na Croitearachd. Thèid paipearan baileat a mach a nise gu croitearan a tha clàraichte sa sgìre agus feumaidh an tilleadh ron choigeamh là deug den Mhàirt. Seasaidh naoinear air taobh siar na Gàidhealtachd, sianar 'sna h-Eileanan, ceithrear air taobh sear na Gàidhealtachd agus coignear mu dheas.

A83

Dhearbh Comhdhail na h-Alba gun dean iad sgrùdadh air de ghabhas deanamh mu rathad an A83 ann an Earragàidheal a bha dùinte son uine an rithist aig deireadh na bliadhna an uiridh le maoim sleibhe. An dèidh coinneamh le Comhairle Earraghàidheal agus Bhòid thuirt Transport Scotland gun coimhead iad air loighne an rathaid a ghluasad. Agus chaidh innse gum bi rathad an A82 eadar a Chrìan Làraich agus Glaschu duinte 'son còrr's tri miosan bhon Dàmhair ann an 2013 nuair a bhios obair a' dol aig Creag na Cùbaid.