Ionad ùr fiaclaireachd don Eilean Sgitheanach

Port Rìgh Image copyright bbc
Image caption 'S e dùbhlan a th' air a bhith ann fiaclairean làn ùine fhaighinn san sgìre.

Dh'fhosgladh Ionad ùr Fiaclaireachd, a chosg £1.2m, ann am Port Rìgh an-diugh.

Bheir an t-ionad leudachadh air na seirbhisean a tha rim faighinn do dh'inbhich agus do chloinn san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse.

Tha trì seòmraichean fiaclaireachd na bhroinn a thuilleadh air seòmar teagaisg.

An-dràsta 's e seirbheis fiaclaireachd NHS na Gàidhaltachd a-mhàin a tha tabhainn leigheis san Eilean Sgitheanach.

Tha aon sheòmar aca aig Ionad Slàinte Dhùn Bheagan agus a dhà aig an t-Sligneach ann am Port Rìgh.

Dùbhlan

'S iad sgioba Phort Rìgh a ghluaiseas dhan togalach ùr an-diugh, ged a thèid fhosgladh gu h-oifigeil aig toiseach na h-ath mhìos.

'S e dùbhlan a th' air a bhith ann fiaclairean làn ùine fhaighinn san sgìre.

Fhuairear fear san Ghiblean an-uiridh gè-tà agus tòisichidh an treas duine an ath mhìos.

Tha còrr is 2200 duine a' feitheamh son leigheas san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag radh gur iad an fheadhainn as fhaide a th'air a bhith feitheamh a gheibh cùram an toiseach.