Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 Am Faoilleach 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Hester

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, am measg na chur fàilte air co-dhùnadh Àrd-oifigear Bhanca Rìoghail na h-Alba, Stephen Hester, a' dhinnis nach bi e a-nis a' gabhail faisg air £1m de bhonus an dèidh càineadh bhon mhòr-shluagh agus bho luchd-poileataigs. Thuirt Mgr Salmond gun do rinn Mgr Hester an rud ceart ach nach bu chòir an co-dhùnadh sin a bhith air fhàgail aig aon duine.

Aonadh Eòrpach

Tha am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, anns a Bhruiseal an-diugh far a bheil àrd-choinneamh an Aonadh Eòrpaich a' deasbad aonta air cìsean agus buidseat a tha iad an dòchas a chuidicheas le fiachan an eurozone. 'S e Bhreatainn an aon duthaich anns an Aonadh a thuirt nach cur iad an t-ainm ris an aonta. Bidh iad cuideachd a' deasbad suidheachadh na Grèige agus an riaghaltas an sin a' feuchainn ri tuilleadh taic airgid fhaighinn bhon Aonadh Eorpach.

Miliband

Bidh rabhadh aig ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, an-diugh gun cur neo-eisimeileachd do dh'Alba bacadh air ceartas sòisealta. Aig òraid ann an Glaschu, thèid e dh'aon ghnotaich calg-dhìreach an aghaidh argamaid Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, a thuirt gum biodh Alba neo-eisimeileachd na sealladh do dhùthchannan eile air poileataigs adhartach.

Sheridan

Chaidh Tommy Sheridan, a bha aig aon àm na bhall ann am Pàrlamaid na h-Alba agus na cheannard air Pàrtaidh Shòisealach na h-Alba a shaoradh à Prìosan Caisteal Hunndaidh ann an Dùn Dè beagan na bu tràithe an-diugh, direach beagan is bliadhna bho chaidh a dhìteadh airson breugan innse fo mhionnan. Chaidh fhaighinn ciontach aig deireadh 2010 fo chasaidean gun do dh'innis e breugan anns a' chùis-lagha a thog e an aghaidh an News of the World an dèidh dhan phaipear aithrisean fhoillseachadh mu bheatha phrìobhaideach.

Cal Mac

Tòisichidh obair air dà bhàta aiseìg ùr do chost an iar na h-Alba an diugh aig Gàrradh MhicFheargais air Abhainn Chluaidh. Bidh na bàtaichean "hybrid" aig Caledonian Mac a' Bhruthainn a' cleachdadh batairidhean agus diesel airson an dèanamh nas èifeachdaiche. Tha dùil gun cosg na bàtaichean ùra mu fhichead millean not agus gum bi a' chiad tè dhiubh a' dol air seirbhis Ratharsaigh as t-earrach an ath-bhliadhna.

Fiaclaireachd

Tha ionad fiaclaireachd ùr - a chosg £1.1m - a' fosgladh ann am Port Rìgh an-diugh. Bheir an t-ionad leudachadh air na seirbhisean do dh'inbhich agus do chloinn san Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse. Tha trì seòmraichean fiaclaireachd ann agus aon seòmar teagaisg.

Air-loidhne

Tha roinn naidheachdan Gàidhlig a' BhBC a' foillseachadh seirbhis ùr air-loidhne gu h-oifigeil an-diugh. Tha cruth ùr air an làraich a tha a' toirt cothrom do luchd-cleachdaidh barrachd sgeulachdan a leughadh agus barrachd phìosan bhideo fhaicinn agus pìosan rèidio a chluintinn. Tha dùil gum bi an t-seirbhis ri faotainn air fònaichean-làimhe a dh' aithghearr.