Clàr-ama ùr do Dhrochaid Cheasaig

  • Air fhoillseachadh

Thèid obair càraidh mhòr air Drochaid Cheasaig a dhèanamh ann an dà phàirt gus am bi i fosgailte ann an meadhan an t-samhraidh nuair a bhios mòran luchd-turais air Ghàidhealtachd.

Bha dùil gun tòisicheadh an obair sa Mhàrt 2013 agus gun deigheadh a dhèanamh uile aig an aon àm.

A-nis, tha Còmhdhail na h-Alba air innse gun tèid pàirt dhan obair a dhèanamh aig toiseach 2013 agus gun tèid a chrìochnachadh ann an 2014.

Tòisichidh obair 2013 sa Ghearran.

Leanaidh e airson 16 seachdainean.

Bidh an dàrna pàirt dhan obair càraidh is leasachaidh, a mhaireas 20 seachdain, a' tòiseachadh sa Ghearran 2014.

Thuirt Còmhdhail na h-Alba gum bu chòir na planaichean ùra buaidh na h-obrach a lùghdachadh.