Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

31 Am Faoilleach 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Tha cuid de bhuill-pàrlamaid Tòraidheach a' fàgail air a' Phrìomhaire, Dàibhidh Camshron, nach do rinn e strì gu leòr an aghaidh aonta ionmhais ùr an Aonaidh Eòrpaich. Cha do chur Breatainn neo Poblachd nan Teiceach an ainm ris an aonta ùr ach tha feadhainn a' càineadh Mhgr Chamshroin agus iad ag ràdh gun do dh'fhailich air dèanamh cinnteach nach cleachdadh an EU innleachd mar Chùirt Ceartais na h-Eòrpa airson riaghailtean na h-aonta a chur an sàs.

Siria

Iarraidh an Lìog Arabach an-diugh air Comhairle Thèarainteachd nan Dùthchannan Aonaichte an taic a chur ris a' mholadh a tha ag iarraidh air a' Cheann-suidhe Assad ann an Siria a chuid chumhachd a thoirt dhan leas cheann-suidhe. Tha an UN a' tomhas gun deach còrr is còig mìle duine a mharbhadh bhon a thòisich ar-a-mach an aghaidh a' Chinn-suidhe Assad bho chionn deich mìosan.

Peinnseanan

Tha aithisg ùr ag ràdh nach sàbhail an t-atharrachadh a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' toirt air siostam peinnsean na roinne poblaich dad de dh'airgead air a' cheann thall. Tha an rabhadh a' tighinn bho Institiud Sgrùdaidh an Ionmhais agus a' bhuidheann a' cur teagamh ann am prìomh adhbharan an riaghaltais airson nan atharraichean.

Beaumont

Bha Albannach air fear de sgioba de shianar air an deach cobhair a dhèanamh nuair a chur am bàta aca car anns a Chuan Shiar. Bha Mark Beaumont còmhla ri sgioba a bha ag amas air iomradh eadar Morocco agus Barbados ann an ùine nas giorra na deich latha thar fhichead. Thog bàta cargo iad an dèidh dhaibh a bhith ceithir uairean deug air ràth-sàbhalaidh.

Cion cosnaidh

Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh plana an-diugh airson cion cosnaidh am measg òigridh. Tha na figearan as ùire ag ràdh gu bheil ceithir fichead is ochd mìle de dh'òigridh na h-Alba eadar 18 agus 24 gun obair.

GB Oils

Tha ceannard GB Oils, a' chompanaidh a tha a' cur a' chuid as motha den chonnadh dha na h-Eileanan an Iar, a' coinneachadh ri muinntir na sgìre aig coinneimh ann a Steòrnabhagh a-nochd. Cha d' fhuair Sam Chambers èisdeachd mhath sam bith nuair a bha e ann an Steòrnabhagh aig deireadh na bliadhna an-uiridh a' freagairt cheistean bho luchd-poileataigs mu phrìs a' chonnaidh. 'S e coinneamh fhosgailte a bhios ann an oifisean na comhairle a-nochd.

A96

Tha Ministear na Còmhdail, Keith Brown, ann an sgìre Mhoireibh an-diugh a' deanamh fosgladh oifgeil air leasachadh air rathad an A96 eadar Fochabars agus seach-rathad Mosstodloch. Bha e am Peairt na bu tràithe a' foillseachadh phlanaichean airson pìos eile de rathad an A9 a leudachadh gu ìre dà-fhìllte eadar Longartaidh agus Tay Crossing.