BBC Naidheachdan

Mathan bàn beag a' fàs mòr

Published
image copyrightOther
image captionWalker a' cagnadh air pìos rionnaich fhad 's a thathar ga thomhais.
Thèid oidhirp a dhèanamh tomhais na th' ann de chuideam anns a' mhathan bhàn a tha a' fuireach air a' Ghàidhealtachd.
Thàinig 'Walker', a tha 3 bliadhna a dh' aois, do Phàirce Fiadh-Bheatha na Gàidhealtachd bho chionn beagan a bharrachd air bliadhna.
Aig an àm sin bha cha mhòr 40 clach de chuideam ann.
Thathar an dùil gu faodadh a dhà uimhir sin de chuideam a bhith ann a-nis.

Làidir

Tha am mathan bàn a' sìor fhàs mòr agus làidir a-rèir an fheadhainn a tha coimhead às a dhèidh.
Tha ceannardan na pàirce ag ràdh gur e cho farsaing sa tha an raon aige anns a' phàirce as adhbhar son cho mòr 's tha e air fàs.
Feuchaidh an luchd-obrach ri a chur air clàr-tomhais le bhith ga bhrosnachadh le crogan èisg.