Jelavic air gluasad gu Everton

Nikica Jelavic Image copyright SNS (Scotland)
Image caption Jelavic aig Everton

Tha Nikica Jelavic air Rangers fhàgail is ainm a chur ri cùmhnant còmhla ri Everton ann am Prìomh Lìog Shasainn.

Fhuair sgioba Dhàibhidh Moyes Jelavic airson £5.5m air cùmhnant 4 bliadhna gu leth.

Chluich Jelavic do Rangers fad bliadhna gu leth, bhon a phàigh iad Rapid Vienna £4m air a shon.

Anns an ùine sin, chuir e 36 tadhal ann am 55 geama.

Thuirt cathraiche Rangers, Craig Whyte gun robh Jelavic fhèin airson fàgail is "Nach eil an cluba ann an suidheachadh far am faod iad tagraidhean matha a dhiùltadh son nan cluicheadairean againn.

Cha b' e Jelavic an aon fhear a dh'fhàg Rangers - ghluais Jordan Mac a' Mhaoilein gu Dùn Phàrlain.

Cha do cheannaich Rangers duine gu-ta.

Là trang

Coltach ri Rangers cha do cheannaich Celtic duine ach chùm iad nan cluicheadairean mòra aca.

'S e là trang a bh'ann air feadh na dùthcha, phàigh Huddersfield Town trì cheud mìle not do 'n Eaglais Bhreac airson Wallace Murray - tillidh easan thucasan air iasad gu deireadh an t-seusain agus dh' fhalbh Kallum Higginbotham cuideachd dhan aon sgioba bhon Eaglais Bhric.

Bha Blackpool cuideachd a' coimhead gu tuath, dh'aontaich iad suim airgid le Tobair na Màthar son Jamie Murphy, ach dhiùlt an cluicheadair gluasad.

Ann an Dùn Èideann, thàinig Jorge Claros air iasad airson bliadhna bho Mhotagua ann an Honduras.

Cuideachd aig Easter Road chaidh Roy O' Donovon aig Coventry City agus Matt Doherty aig Wolves gu Hibs gu deireadh na seasain.