Ceannard GB Oils aig coinneimh phoblaich an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh
Tha a' chompanaidh a tha a' toirt a' chuid as motha de chonnadh a-steach do na h-eileanan an iar a' dol às àicheadh gur iad as coireach son prìsean àrda.
Tha luchd-iomairt ag ràdh gum faodadh a' phris a bhith suas ri 20 sgillinn nas daoire sna h-eileanan na tha i air tìr-mòr.
Ach aig coinneimh phoblaich ann an Steòrnabhagh a-raoir, thuirt ceannard GB Oils, Sam Chambers, nach eil iad a' dèanamh ach 2.6 sgillinn de phrothaid gach liotar.
Thuirt Mgr Chambers nach robh a' chompanaidh a' gabhail brath air an t-suidheachadh.
Rannsachadh
Nochd beachd gum bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar rannsachadh a dhèanamh air am biodh e comasach dhaibh-san tòiseachadh connadh a chumail.
Tha beachd aig cuid gum b'urrainn dhaibh a h-uile seòrsa connaidh a chumail ri muinntir nan Eilean nas saoire na tha iad ga fhaighinn an-dràsta.
Tha an Comhairliche Dòmhnall Iain MacSuain den bheachd gur e ceist a tha sin a dh'fheumas a' chomhairle sealltainn ris.
Thuirt Mgr MacSuain: "Chan eil mi faicinn adhbhar sam bith nach fhaodadh sinn an rannsachadh sin a dhèanamh.
"Tha fios againn gu bheil e comasach dhuinn a dhèanamh", thuirt an comhairliche.
"Ach am b'urrainn dhuinn a dhèanamh agus a' toirt sìos a' phrìs, tha mi smaoineachadh gur e sin a' cheist.
Tha luchd-iomairt cuideachd a' beachdachadh a dhol ann an co-bhonn ri luchd-iomairt anns na h-eileanan eile agus ann an Sasainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 31 Am Faoilleach 2012
- 25 Am Faoilleach 2012