Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

1 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

NATO

Tha aithisg le NATO air an d' fhuair am BBC sealbh ag ràdh gu bheil an Taliban fhathast làidir ann an Afganastan le taic bho na feachdan tèarainteachd ann an Afganastan agus Pacastan. Tha an aithisg ag ràdh gu bheil mòran den t-sluagh a' cur taic ris an Taliban leis na tha de choirbteachd anns an riaghaltas agus gu bheil iad a' faighinn taic bho Phacastan. Tha Pacastan a' dol as àicheadh sin.

Ceannairc

Dh'aidich ceathrar radaigeach Islamach gu robh iad ag ullachadh ionnsaigh le boma air togalach Margaidh Earrannan Lunnainn. Chuala Cùirt a Chrùin ann an Woolwich gu robh an ceathrar a bhuineas do Bhreatainn ag amas air eaconomaidh Bhreatainn a mhilleadh. Tha còignear dhaoine eile air gabhail ri casaidean eile co-cheangailte ri ceannairc agus thèid binn orra uile an ath-bhliadhna.

Fred Goodwin

Rinn ceannardan gnìomhachais càineadh air mar a chaidh an t-urram mar ridire a thoirt bho sheann àrd-oifigear RBS, Fred Goodwin. Thuirt Institiud an Luchd-stiùiridh gu bheil luchd-poileataigs a' cleachdadh siostam nan urram mar dhòigh air daoine a pheanasachadh airson trioblaidean an ionmhais. Chaidh an t-urram a bhuileachadh air Fred Goodwin ann an 2004 airson a sheirbhis do dh'obair banca ach dh'fhulaing a chliù nuair b' fheudar cobhair a dhèanamh air RBS ann an 2008 le dà fhichead 's còig billion not de dh'airgead poblach.

Sochairean

Feuchaidh Riaghaltas na Co-bhanntachd an-diugh ri faighinn seachad air an dòigh sa bheil Taigh nam Morairean air seachd tursan cur an aghaidh Bile Ath-leasachaidh nan Sochairean Sòisealta. Iarraidh ministearan an riaghaltais air Taigh nan Cumantan na h-atharraichean a tha na Morairean ag iarraidh a dhiùlteadh.

Iran

Thuirt Ùghdarras Eadar-nàiseanta a' Chumhachd Atomaich gu bheil mòran obrach aca ri dhèanamh fhathast mu phrògram niuclasach Iran. Thuirt Ceannard Sgioba Sgrùdaidh an Ùghdarrais, an dèidh turus trì latha gu ruige Iran, gu bheil na h-Irananaich deònach co-obrachadh gu ìre agus gu bheil a' bhuidheann am beachd tilleadh ann a dh'aithghearr.

GB Oils

Chaidh a' chompanaidh as motha a tha a' cumail connadh ris na h-Eileanan an Iar as àicheadh gur iad as coireach gu bheil connadh 20sg an liotair nas daoire anns na h-eileanan na tha e air tìr-mòr. Aig coinneimh phoblach ann an Steòrnabhagh a-raoir, thuirt Cathraiche GB Oils, Sam Chambers, nach robh iad a' dèanamh prothaid ach 2.6 sg air liotar diosail agus chaidh e as àicheadh gu bheil iad a' gabhail brath air a mhargaidh.

RET

Dh'aidich a' bhuidheann a tha strì airson faraidhean aiseig saora, RET, a ghlèidheadh do thrafaig coimearsalta dha na h-Eileanan an Iar nach eil molaidhean sam bith eile aca a chuireas iad ris an riaghaltas a thaobh dè bu chòir a dhèanamh. Chuir eòlaiche eaconomaigeach teagamhan mora an-dè ann am planaichean an Riaghaltais airson RET a thoirt air falbh bho charbadan coimearsalta ach thuirt an t-Ollamh Niall Kay nach robh an sgeama RET mar a bha i freagarrach nas motha.