Ionad Macdonald gan dìon fhèin

Taigh-òsda Macdonald Image copyright Other

Tha Ionad Turasachd Macdonald san Aghaidh Mhòir gan dìon fhèin às dèidh dhaibh innse gu fàg iad an sgeama High Life Comhairle na Gàidhealtachd aig deireadh a' Mhàirt.

Le High Life, gheibh daoine air amar-snàimh, sauna agus jacuzzi an ionaid a chleachdadh aig prìs ìosal.

Fhuair an t-ionad £85,000 gach bliadhna airson an trì bliadhna mu dheireadh airson cothrom a thoirt do bhuill High Life air na goireasan aca.

Thig an t-aonta gu ceann a-nis.

Thuirt Ionad Turasachd Macdonald ge-tà gum bi cothrom fhathast aig muinntir an àite an cuid ghoireasan a chleachdadh, agus nach bi e ro dhaor sin a dhèanamh.

Tha High Life Highland ag ràdh gu bheil iad a' bruidhinn ri àite eile anns an sgìre a dh'fhaodadh na seibheisean aca a thoirt seachad.