BBC Naidheachdan

Draghan mu gluasad sgoil-àraich

Published
image copyrightbbc
image captionDragh mòr air pàrantan mu staid na sgoile, sàbhailteachd agus cion ghoireasan

Bha pàrantan feargach aig coinneimh phoblaich ann am Barraigh a-raoir mu phlanaichean Comhairle nan Eilean Siar sgoil-àraich an eilein a ghluasad.

Tha an t-ùghdarras airson an goireas a thoirt à Ionad na Cloinne gu Bun-sgoil Bhàgh a' Chaisteil.

Thog a' choimhearsnachd an t-ionad ann an 2002 agus tha a' Chomhairle air a bhith a' pàigheadh màil airson an sgoil-àraich a ruith ann bhon uairsin.

A-nis tha a' Chomhairle airson an sgoil-àraich a chur am broinn na sgoile.

Tha an t-ùghdarras ag ràdh gum bi e nas fheàrr dhan chloinn agus gun tèid àiteachan ùra san sgoil-àraich Ghàidhlig a chruthachadh.

Cion ghoireasan

Ach tha dragh mòr air pàrantan mu staid na sgoile, sàbhailteachd agus cion ghoireasan airson cloinne òga.

media captionDraghan mu shàbhailteach na cloinne

Thuirt Ceiteag NìcNèill aig a bheil oghaichean san sgoil-àraich gu bheil iad an dràsta ann an togalach a chaidh a thogail bho chionn beagan bhlaidhnaichean.

Ach tha i ag ràdh gum biodh tòrr obrach a dhìth air an togalach a tha a' chomhairle a' moladh.

"Tha iad a' dol dhan sgoil - seann sgoil, far am feum tòrr de dh'obair a dhèanamh gus a dèanamh freagarrach airson a' chlann a' dol innte an toiseach.

Ach tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gur e foghlam na cloinne am prìomh rud air a bheil iad a' coimhead nuair a tha iad a' beachdachadh air sgoil-àraich Bharraigh a ghluasad.

Thuirt cathraiche Comataidh an Foghlaim, Mòrag Rothach, riutha gun gabhadh na draghan mun togalach a chur ceart agus gur e seo an rud is fheàrr dhan chloinn.

"Tha mi smaointinn gun deach na ceistean sin a fhreagairt a-nochd.

"Agus ceist sam bith nach deach a fhreagairt, thèid coimhead a-staigh ann.