BBC Naidheachdan

Crìoch ùr air roinnean iomain na dùthcha

Published
media captionCamanachd Àrd nam Murchan a' gluasad bhon roinn a Tuath gu na lìogaichean aig Deas
Tha crioch ùr air roinnean iomain na dùthcha a-rèir cluba air a' Ghàidhealtachd.
Tha Cluba Camanachd Àrd nam Murchan ag ràdh gu bheil cead aca a-nis gluasad bhon Roinn a Tuath, far an robh iad a' cluich bhon a chaidh an stèidheachadh, gu na lìogaichean aig Deas.
Tha iad ga fhaighinn doirbh cluicheadairean gu leòr fhaighinn gach seachdain, agus tha iad den bheachd gum bi e nas fhasa le geamaichean sa cheann a deas, leis gu bheil feadhainn de na cluichearan aca san oilthigh ann an Glaschu.
Tha an t-eòlaiche iomain Ùisdean MacIllinnein den bheachd gur e deagh fhreagairt a th'ann do shuidheachadh a bha na adhbhar dhragh an-uiridh.