Gearraidhean an Earra-Ghàidheal is Bòd

Dh'aontaich buidheann riaghlaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gabhail ri plana airson £8m eile a ghearradh bho am buidseat thairis air an ath 3 bliadhna.

Bhòtaidh an làn chomhairle air a' chùis a-nis air an 16mh den Ghearran.

Dh'aontach iad mu thràth faisg air £15m a chaomhnadh suas gu 2015.

Chailleadh daoine an cosnaidhean leis na planaichean ùra, ach thuirt an t-ùghdarras gun deigheadh seirbheisean deatamach a dhìon.

'S e dreuchdan stiùiridh is rianachd as motha a dh'fhalbhadh.

Leasachadh

Thuirt a' chomhairle cuideachd gum biodh gu leòr airgid aca fhathast airson pròiseictean leasachaidh baile CHORD.

Tha ceannard na comhairle, Dick Walsh, ag ràdh gu bheil na molaidhean aca a' sealltainn gun urrainn dhaibh gearraidhean a dhèanamh gun seirbheisean a tha riatanach a chur ann an cunnart.

Timcheall a' BhBC