Ceangal ris a' ghriod ro dhaor

  • Air fhoillseachadh
Tuath-gaoitheTùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh,
Draghan gum bi e ro chosgail ceangal dhan ghriod

Thuirt Ministear Cumhachd na h-Alba gum feum riaghailtean gnìomhachas an dealain atharrachadh neo gum bi e ro dhaor cumhachd às na h-eileanan a chur ris a ghriod nàiseanta.

Bha Fergus Ewing a' bruidhinn às dèidh dha fhèin agus Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, coinneachadh ri riaghladair an dealain, OFGEM.

A-rèir nam planaichean a tha'nn an dràsta bhiodh e 7 tursan nas daoire dealan à tuathan gaoithe sna h-eileanan a chur ris a' ghriod nàiseanta na bhiodh e air tìr-mòr.

Thuirt Mgr Ewing gun do dh'èist riochdairean OFGEM riutha agus gu bheil làn fhios aca air an t-suidheachadh.

Mì-chothromach

Tha am ministear ag ràdh gun d'rinn e soilleir do dh'OFGEM cho mì-chothromach sa tha esan a' faicinn an atharrachaidh air siostam nan cosgaisean do choimhearsnachdan iomallach na h-Alba.

Tha sgìrean eadar na Crìochan, na h-eileanan agus ceann a' tuath na h-Alba an dòchas buannachd fhaghinn dhaibh fhèin bho bhith a' dol an sàs ann an cumhachd a reic bho dhòighean ath-nuadhachail

Agus tha deasbad air èirigh mun chosgais nas àirde a tha air luchd-giullachd ann an sgìrean dùthchail na Rìoghachd Aonaichte thuige seo gus cumhachd a reic ris a' ghriod nàiseanta.

Sa chiad àite a thaobh bun-structair - na ceangalaichean càbaill airson comas a thoirt dhan ghriod nàiseanta barrachd cumhachd a ghiulain bho dhòighean ath-nuadhachail - tha obair air tòiseachadh mar tha san roinn seo.

Ach ged as ann gu ìre mhòr air na companaidhean cumhachd a thèid an cosgais sin sa chiad àite - 's ann air luchd-cleachdaidh an dealain a thuiteas an cosgais sin aig a' cheann thall.

Bacadh

Bhruidhinn Ministear Cumhachd na Rìoghachd Aonaichte, Teàrlach MacEanraig, air a' chuspair seo fhad 's bha e tadhail air Comataidh na Cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba.

Thuirt Mgr MacEanraig gu bheil seo dha-rìribh na dhragh do choimhearsnachd sna h-eileanan, 's dragh orra gum faodadh e bacadh a chur air leasachaidhean ath-nuadhachail.

Le oidhirpean gan dèanamh an-dràsta gus fusgladh fhaighinn air trioblaidean le bun-structair, tha riaghaladair na cumhachd, OFGEM, a' deanamh co-luadair air an urrain an cosgais a lùghdachadh airson sgìrean iomallach a cheangal ris a' ghriod nàiseanta.

Gu ruige seo tha an cosgais sin air a bhith stèidhichte air cumhachd a chruthachadh bho ghual agus bho dhòighean eile seach dòighean ath-nuadhachail.

Agus tha an cogais sin air a bhith na b'àirde do choimhearsnachdan iomallach leis nach eil àireamh an t-sluaigh cho mòr sna sgìrean sin agus mar sin nach eil uidhir de dh'iarrtas ann nas motha.

Co-luadar

Ach, le draghan nach eil an lùghdachadh a tha OFGEM a' moladh a' dol a dhèanamh feum dhan na h-eileanan agus coimhearsnachdan dùthchail na h-Alba - thog Ministear na Cumhachd aig Riaghaltas na h-Alba a' chuis a-le OFGEM aig coinneimh ann an Dùn Èideann.

Às dèidh na coinneimh, thuirt am ministear: "Tha iad ag èisteachd riunn, tha iad a' tuigsinn gu bheil trioblaid ann.

Thuirt Mgr Ewing gun lean co-obrachadh eadar Riaghaltas na h-Alba, OFGEM agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a' chuspair.

Gheall e cuideachd gun tèid tòiseachadh a-nis air beachd foirmeil a chur ri chèile mu choinneamh co-chomhairle OFGEM air cogaisean son ceangal ris a' ghriod.

Thig a' cho-chomhairle sin gu crìch sa Ghiblean.

Timcheall a' BhBC