Dual-chainntean a' dol à bith
- Air fhoillseachadh

Tha coltas gun tèid dual-chainntean na Gàidhlig air fad à bith, ach a-mhàin feadhainn Leòdhais agus Uibhist a Deas.
Sin am beachd a tha a' tighinn à rannsachadh a rinn eòlaiche ann an Oilthigh Dhùn Èideann.
Tha an t-Ollamh Uilleam Lamb ag ràdh gu bheil deasbad mhòr a dhìth air dè a ghabhadh deànamh airson leithid Gàidhlig an Eilein Sgiathanaich agus Gàidhlig na Hearadh a chumail.
Tha an t-Oll. Lamb ag iarraidh tuilleadh rannsachaidh air a' chùis.
Cunnart
Cainnt mo mhàthair Gàidhlig Bharraigh.
Uill, tha cunnart nach bi i idir aig na ginealaichean ri teachd.
Agus tha an aon rud fìor anns na Hearadh,san Eilean Sgiathanach 's an Uibhist a Tuath.
Rinn an t-Ollamh Uilleam Lamb ann an Roinn Cheiltis Oilthigh Dhùn Èideann rannsachadh air fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig air feadh Alba.
A-rèir an rannsachaidh, tha còrr is 42% de thidsearan bun-sgoile ann an foghlam Gàidhlig à Uibhist a Deas agus à Leòdhas air an cur còmhla.
Agus ann an sgoiltean air tìr-mòr, buinidh còrr is cairtean de na tidsearan do dh'Uibhist a Deas.
'S ann an Uibhist a Deas a-mhàin a fhuair e gun robh a' chlann gu ìre mhòr fileanta ann an dual-chainnt na sgìre mus rachadh iad dhan sgoil.
Sgoiltean Gàidhlig
Ann an Leòdhas, b'e tidsearan às an àite fhèin le Gàidhlig Leòdhasach as motha a tha gan teagaisg.
Agus 's e cuideachd tidsearan Leòdhasach agus Deasach as motha a tha a' teagaisg ann an sgoiltean Gàidhlig ann an sgìrean feadh Alba.
Tha an t-Ollamh Lamb ag ràdh gu bheil tuilleadh rannsachaidh a dhìth.
Agus thuirt e gu bheil feum coimhead ri rudeigin a dhèanamh airson dual-chainntean eileanan eile a shàbhaladh.