Alba ag ullachadh son Sasainn a chluich

Sgibair na h-Alba, Ross Ford Image copyright Other
Image caption Bidh Ford os cionn Alba son a' chiad turas Disathairne

Bidh raon-cluiche Murrayfield loma-làn Disathairne nuair a choinnicheas Alba agus Sasainn sa chiad gheama aca ann am farpais nan Sia Dùthchanan.

An turas mu dheireadh a choinnich iad ann an Auckland ann an Cupa na Cruinne, 's e Sasainn a rinn an gnothach anns na diogan mu dheireadh - ach tha mòran air atharrachadh bhon uairsin.

Tha Sasainn air sgioba aig nach eil mòran eòlais ainmeachadh, le Chris Robshaw - aig nach eil ach aon cheap leis an sgioba nàiseanta, air an ceann.

Thuirt sgiobair na h-Alba, Ross Ford, nach eil e a' toirt feart sam bith dhan taghadh air na Sasannaich.

Smachd

"Chan urrainn dhuinn cumail smachd ach air na rudan a tha sinne a' dèanamh air a' phàirc," thuirt Ford a bhios a' cluich son an 54mh turas aig ìre eadar-nàiseanta.

Thuirt e cuideachd:"Ge bith dè nì Sasainn, feumaidh sinn dèiligeadh leis agus sabaid na aghaidh san dòigh a tha ag obrachadh as fheàrr dhuinne.

Bidh Alba a' feuchainn ri dìoghaltas fhaighinn son a' chall 16 - 12 a dh'fhulaing iad an aghaidh Shasainn ann an Cupa na Cruinne.

Tha trioblaid mhòr air a bhith aig Alba am ball fhaighinn seachad air an loidhne.

Mar sin, tha uallach mòr air Max Evans agus Lee Jones mu choinneamh a' gheama seo.

Thuirt Ford: "Nuair a gheibh Max agus Jonesy am ball tha iad mar an dealan, mar sin tha e cudthromach dòigh a lorg gus rùm a thoirt dhaibh agus an cur ann an suidheachaidhean neo-ionannachd, far an urrainn dhaibh an dìcheall a dhèanamh.