Bronwyn Nic an Tàilleir a' trèanadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Nighean òg a' slaodadh bhana a h-athar

3 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhaodadh gu bheil i fhathast san sgoil agus tha i ag ionnsachadh gruagaireachd - ach, tha i cuideachd aithnichte mar an nighean as làidire ann am Breatainn.

Sin an tiotal a fhuair Bronwyn Nic an Tàilleir à Cùl Lodair as dèidh dhi 4 buinn òir a chosnadh aig farpais togail cuideim nàiseanta an-uiridh.

Tha Bronwyn, a tha 16, a' dèanamh deiseil airson an ath fharpais aice - agus Geamachan Oilimpigeach Rio de Janeiro ann an 2016.