Bronwyn Nic an Tàilleir
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Nighean òg a' slaodadh bhana a h-athar

6 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha i fhathast san sgoil agus ag ionnsachadh gruagaireachd - ach, tha i cuideachd aithnichte mar an nighean as làidire am Breatainn.

Sin an tiotal a fhuair Bronwyn Nic an Tàilleir à Cùl Lodair às dèidh dhi 4 buinn òir a chosnadh aig farpais togail cuideim nàiseanta an-uiridh.

Tha Bronwyn, a tha 16 bliadhna, a' dèanamh deiseil airson na h-ath fharpais aice - agus Geamachan Oilimpigeach Rio ann an 2016.