Ruairidh MacNèill air slaic a thoirt air moladh son SAC

Image copyright Other
Image caption Tha SAC ga mholadh son Caolas Bharraigh.

Dh'fhàg am fear leis an robh Eilean Bharraigh gu bho chionn ghoirid air Riaghaltas na h-Alba nach eil iad ag èisteachd ri muinntir an àite a thaobh phlanaichean son sgìre ghlèidhte SAC ann an Caolas Bharraigh.

Tha co-chomhairle mun ghnothach dìreach air tighinn gu ceann.

Thuirt Ruairidh MacNèill gum bu chòir do dhaoine cuimhneachadh air mar a làimsich an riaghaltas an gnothach nuair a thig e gu bhòtadh air neo-eisimeileachd do dh'Alba.

"Tha mise a' smaointinn gum bu chòir stad a chur air a' phròiseas seo.

"Chan eil an riaghaltas ag èisteachd ri muinntir an àite.

"Feumaidh daoine faighneachd dè seòrsa riaghaltas a tha sinn ag iarraidh ma bhios an dùthaich neo-eisimeileach, riaghaltas a tha ag èisteachd ri na daoine, no riaghaltas a tha a' dèanamh an rud a tha iad fhèin ag iarraidh", thuirt e.

Tha Maighstir MacNèill cuideachd mì-thoilichte le mar an làimhsich an seann Riaghaltas Làbarach Lib Deamach a' chùis, a bharrachd air an SNP.

Deasbad

Thèid an gnothach a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba Diciadain le gluasad a tha cur an aghaidh an SAC.

'S e am ball Tòraidheach son na Gàidhealtachd is nan Eilean, Jamie MacGriogair, a tha air an deasbad a chur air adhart, le taic bho cheannard Lib Deamaich na h-Alba, Uilleam Rennie, agus am ball neo-eisimileach Margo Dhòmhnallach.

Tha am ball Làbarach son na Gàidhealtachd is nan Eilean, Rhoda Ghrannd, air gluasad eile a chur air adhart a dh'iarradh gun tèid stad a chur air a' phròiseas gus am bi rannsachadh ann air buaidh a' ghnothaich air a' choimhearsnachd.

Bidh feadhainn a tha ag iomairt an aghaidh an SAC a' togail fianais taobh a-muigh Holyrood Diciadain.

Thuirt BPA nan Eilean Siar aig Holyrood, an Nàiseantach Alasdair Allan, a tha e fhèin na bhall den chaibineat, gu bheil e a' cur an aghaidh an SAC.

Tha e ag ràdh gu bheil riaghailtean Eòrpach a' fàgail gu bheil co-chomhairle mu sgìrean SAC a' coimhead air fianais shaidheansail a-mhàin seach a' bhuaidh eaconomach a bheireadh SAC air coimhearsnachdan.

Thuirt e gur e "siostam cèarr" a th'ann, ach dh'àidich e gu bheil pàirt aig Riaghaltas na h-Alba sa phròiseas, cho math ri SNH agus Coimisean na h-Eòrpa.

Fianais

Chaidh faighneachd do Mhgr Allan am biodh e fhèin a dhol a thogail fianais còmhla ris an luchd-iomairt Diciadain.

Thuirt e gum bruidhneadh e riutha oir tha e fhèin cuideachd an aghaidh an SAC.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun do rinn Dualchas Nàdair na h-Alba co-chomhairle farsaing air SAC do Chaolas Bharraigh.

Tha iad ag ràdh gu bheil SNH a' cur crìch air a' chomhairle a bheir iad do mhinistearan agus gun tig Riaghaltas na h-Alba gu co-dhùnadh às dèidh dhaibh beachdachadh air.