Dòmhnallach gu Inbhir Nis

Tha Somhairle Dòmhnallach bho Chamanachd an Eilein Sgitheanaich air gluasad gu sgioba Inbhir Nis son seasan 2012.

Tha Dòmhnallach a' fuireach ann an Inbhir Nis agus tha uallach siubhail air cùl a cho-dhùnaidh a dhol dhan sgioba ionadail aige am bliadhna.

'S e buille a bhios ann dha na Sgitheanaich is Dòmhnallach a-measg nan cluicheadaran as fheàrr aca thar grunn bhliadhnaichean.

Bha seasan math aige an-uiridh is e a' faighinn àite ann am buidheann na h-Alba son na sreatha eadar-nàiseanta an aghaidh na h-Eireann.

Bidh e a' cluich ann an sgioba Inbhir Nis còmhla ri fear eile a bha roimhe a' cluich dhan Eilean Sgitheanach, Dougie MacFhraing.

Chluich MacFhraing, a tha cuideachd a' fuireach ann an Inbhir Nis, airson Baile Chaolais an-uiridh.

Tha Inbhir Nis cuideachd a' cur fàilte air Stiubhart MacRath, a tha a' tilleadh thuca as dèidh seasan còmhla ri Ceann Loch Seile, agus Kenny Loades, nach do chluich idir an-uiridh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile