Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

6 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha aithrisean a' tighinn a Siria gu bheil feachdan an riaghaltais a' toirt ionnsaigh as ùr air baile Homs. Thuirt ball de Chomairle Thèarainteach Shiria gun deach, air a char 's lugha, mu 50 duine a mharbhadh agus gur e sìobhaltaich as motha a tha annta. Tha an Ruis agus Sìona a' dìon mar a chuir an dà dhùthaich sin stad air rùn ùr bhon UN an aghaidh na tha riaghaltas Shiria a' dèanamh.

Network Rail

Dh'iarr na Làbaraich air an riaghaltas stad a chuir air bonus mòr do stiùirichean Network Rail, buidheann a bhuineas ann am pàirt do luchd-pàighidh nan cìsean. Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Justine Greening, gum bhot i an aghaidh mholaidhean son bonus ùr aig coinneimh bhliahdnail Network Rai, an t-seachdain seo ach nach fheum iad air a' cheann thall cumail ris a' bhot sin. Ach tha na Làbaraich ag ràdh gu feum aonta ùr sam bith mu thuarastal agus bonus cead fhaighinn ann an sgrìobhadh bhon riaghaltas.

Crith-thalmhainn

Bhual crith-thalmhainn a'ruig sia puing a seachd air clar Richter air meadhan na Philippines. Tha aithrisean ann gu'n deach tri duine deug a'mharbhadh agus chaidh rabhadh tsunami a'chuir a mach dha'n sgire.

Euro

Tha riaghaltas na co-bhanntachd anns a' Ghrèig a' coinneachadh agus aca ri tuilleadh ghearraidhean a chuir an sàs. Feumaidh iad aonta a ruigheachd mus fhaigh iad an ath chnap de thaic airid bhon Aonadh Eòrpach son dèiligeadh ri fiachan na dùthcha.

Nat Friseal

Tha dùil ri Nat Friseal as Eiliginn aig èisteachd ullachaidh anns an Àird Chùirt ann an Dùn Èideann an diugh agus e fo chasaid gun do mhurt e a bhean, Arlene, bho chion 14 bliadhna. Tha Friseal, a tha 52, fo chasaid gun do mhurt e a bhean aig an dachaidh ann an Eiliginn, neo an àiteigin eile. Thèid e mu choinneimh na cùirte an rithist an dèidh do Phrìomh Chùirt Bhreatainn cur às dhan chiad dhìteadh na aghaidh.

SAC Bharraigh

Thug MacNèill Bharraigh slaic air Riaghaltas na h-Alba mun phlana son sgìre ghlèidhte aig muir ann an Caolas Bharraigh. Thuirt Ruairidh MacNèill gum bu chòir do dhaoine cuimhneachadh air cho beag feairt 's a thug an riaghaltas air beachdan an t-sluaigh mun SAC nuair a thig e gu bhòtadh air neo-eisimeileachd do dh'Alba. Thuirt Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, gum bruidhinn esan an aghaidh an SAC aig deasbad air a' chùis aig Holyrood, Diciadain.

Seirbheis adhair bathair

Thèid rannsachadh a dhèanamh air am b'fhiach seirbheis-adhair a stèidheachadh eadar na h-Eileanan an Iar 's tìr-mor nach biodh a' giulain ACH bathair agus a' bhuidheann chòmhdhail HITRANS son beachd luchd-gnothaich fhaighinn air a' chùis. Thuirt Cathraiche Còmhdhail nan Eilean Siar, Dòmhnall Manford, a tha cuideachd na bhall de HITRANS, nach eil e den bheachd gun dèanadh sin cron air làraidhean bathair 's gun dèanadh e feum do dh'iasgairean son iasg a chur gu margaidh.