Sgrùdadh mu phlèanaichean bathair dha na h-eileanan

Plèana
Image caption Chan e seo a' chiad turas a chaidh seirbheis bhathair a dheasbad

Thèid rannsachadh am bu chòir seirbheis adhair airson bathair a-mhàin a thòiseachadh eadar na h-Eileanan Siar agus tìr-mòr.

Dh'iarr a' bhuidheann chòmhdhail HITRANS an sgrùdadh agus tha iad airson beachdan fhaighinn bho luchd-gnothaich.

Chaidh a' chompanaidh North Point Consultancy fhastadh son an rannsachadh a dhèanamh.

Thuirt Cathraiche Comhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Manford, a tha cuideachd na bhall do HITRANS gum bu chòir do dh'Alba a bhith a' leantainn eisimpleir dhùthchanan eile agus a bhith a' cleachdadh seirbheisean adhair airson bathair barrachd.

Maorach

Bidh an rannsachadh a' coimhead air na cnapan-starra a tha an luib a bhith a' cleachdadh itealain, leithid a' chosgais ann a bhith a' faighinn bathair gu na plèanaichean, agus às a sin gu na margaidhean.

Tha Mgr Manford dhen bheachd gum biodh an t-seirbheis gu sònraichte feumail do luchd-reic maoraich agus eisg a dh'fheumas an stuth aca fhaighinn gu na margaidheach cho luath 's cho saor sa ghabhas.

Chaidh e às àicheadh gun toireadh seirbheisean adhair son bathair droch bhuaidh air companaidhean bathair eileananch a tha an-dràsta a' gearain mu mar a tha RET ga thoirt far faraidhean charbadan coimearsalta.

"Tha seo a' toirt barrachd chothrom do bhathar."

"Taobh seach taobh bhiodh e ceàrr gun coimhead air na dòighean as fheàrr air bathair, gnìomhachas fhaighinn chun nam margaidhean feuch am fosgail e suas na margaidhean agus ma dh'fhaoidte prìs nas fheàrr fhaighinn dha na h-iasgairean no duine sa bith a tha an sàs ann.

"Co dhiu bhiodh e mì-chothromach gun a bhith a' rannsachadh agus a' feuchainn ri faighinn gu bun na cùise air dè na bacaidhean a th'ann a thaobh a bhith a' tarraing bathair tro na spreuan, ceist eadar dhealaichte uile gu lèir gu RET air na h-aiseagan rud a tha mise air a bhith as a dhèidh agus a' cur ri chèile son fichead bliadhna," thuirt Mgr Manford.

Bu chòir gun toir e 6 mìosan an rannsachadh a dhèanamh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile