Coinneamh an RET an Dùn Èideann

Làraidh
Image caption Tha companaidhean bathair ag ràdh gun tèid na faraidhean a tha iad a' pàigheadh an àird gu mòr gun RET.

Tha Buidheann Còmhdhail Innse Gall a' coinneachadh an diugh ri Ministear na Còmhdhail, Cè Brown, mu fharaidhean aiseig saora RET airson bathair.

Chaidh a' bhuidhean-strì a stèidheachadh air a' mhìos a chaidh agus companaidhean bathair a' cur an aghaidh co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba làraidhean a thoirt a-mach à sgeama RET.

Ged a gheall an riaghaltas sgeama lùghdachaidh eile a chur an-sàs a thaobh bathair, tha fearg air Buidheann Còmhdhail Innse Gall.

Tha iad ag ràdh gun tig àrdachadh mòr air na faraidhean aca, suas ri 172%.

Dearbhadh

Ghèill an riaghaltas gu ìre Diluain is Cè Brown a' dearbhadh gum bi a-nis carabadan coimeirsealta suas ri 6 meatair a dh'fhaid fhathast a' faighinn RET.

Chuir Buidheann Còmhdhail Innse Gall fàilte air a sin ach tha iad ag ràdh gum bu chòir do charabadan coimearsalta air fad a bhith an lùib an sgeama.

Rinn iad soillear nach gabh iad ri dad ach tilleadh gu RET mar a bha e.

Thuirt iad cuideachd gun seall iad fianais dhan mhinistear gun robh companaidhean a' lùghdachadh nam prìsean aca a-rèir is mar a bha iad fhèin a' faighinn faraidhean nas saoire tro RET.

Buannachd

Bha beachd air nochdadh gur iad na companaidhean bathair a-mhàin a bha a' faighinn buannachd bho RET is nach robh na sàbhalaidhean a' ruighinn luchd-ceannach.

Nochd buaireadh cuideachd a thaobh cò bhios aig a' choinneimh is a' bhuidhean-strì ag ràdh nach d'fhuair an sgioba air fad a bha iad son a chur gu Dùn Èideann cuireadh dhan choinneimh.

Thuirt iad gun cuir iad 8 duine dha na còmhraidhean co-dhiù.

Thuirt Cè Brown gu bheil fadachd air a dhol an-sàs ann an còmhraidhean ri luchd-bathair gus fuasgladh cothromach aig cosgais reusanta a lorg.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Timcheall a' BhBC