Bonn òir son Constabal às a' Ghearasdan
- Air fhoillseachadh

Bhuanaich Emma Holgate, a na h-oifigear aig Poilis a' Chinn a Tuath, bonn òir aig farpais sgìthidh anns an Ostair.
Chaidh an fharpais sgìthidh son poileis air feadh Bhreatain a chumail ann an Hinterglemm, le 131 farpaiseach bho 18 feachdan a' gabhail pàirt.
Fhuair Emma a tha 27, dà bhonn òir agus dà bhonn airgid.
'S e a slalom a' chiad fharpais a bhuanaich i, 's i' a' dèanamh a' ghnothaich air sgioba bho phoileis a' Mhet ann an Lunnain.
'S ann às a' Ghearasdan a tha Emma, ged a tha i ag obair ann an Inbhir Nis.
Tha i air a bhith gu mòr an sàs ann an spòrs son bhliadhnaichean.
's i Emma a bhuanaich farpais bhaidhsagal 'Mega Avalanche' a bhios a' dol air adhart san Fhraing gach bliadhna.
"Tha mi air mo dhòigh ghlan le na fhuair mi de dhuaisean.
"Mar as trice 's e am Met a bhios a' glèidheadh tòrr dhe na buinn", thuirt i.