Goireas spòrs-uisge ùr do Ghlaschu
- Air fhoillseachadh
Thèid goireas spòrs-uisge ùr a thogail ann an ceann a tuath Ghlaschu.
Tha luchd-stiùiridh an dòchas gun tèid cothrom a thoirt do dh'òigridh na sgìre a dhol an sàs san spòrs.
Tha Comhairle Bhaile Ghlaschu agus a' bhuidheann Glasgow Watersports air thighinn còmhla airson an leasachaidh a thoirt gu ìre.
Thèid a dhèanamh ann am Bàgh Phinkerton ann a ceann tuath a' bhaile.
Tha iad mar-thà air am bàgh a ghlanadh agus bidh àite ann far am bi e comasach do chloinn sgilean ionnsachadh ann an dìofar shoithichean, leithid canù neo caidheag.
Buannachd mhòr
A-rèir DK Mhic a' Phì bhon Chomhairle 's e buannachd mhòr a bhios ann dhan bhaile.
"Cuidichidh e òigridh ann an ceann a tuath a' bhaile gu h-àiridh ann a bhith a' dol a sàs ann an Spòrs", thuirt Mgr Mac a' Phì
Cosgaidh a' Chomhairle còrr is £2m air an leasachadh is 's e a' chiad ghoireas de a leithid a bhios ann an Alba.
Thathar an dùil gum bi sin na bhuannachd dhan dà chuid, clann is lùth-chleasaichean, a-rèir fhir de stiùirichean Glasgow Watersports, Dougie Shannon.
Thuirt esan gur e deagh àm a bh'ann spòrs eadar-dhealaichte a bhrosnachadh, is geamaichean a' Cho-fhlaitheis a' tighinn a Ghlaschu ann an 2014.
Fiù 's gun àite treànaidh ceart san dùthaich tha Albannaich air a bhith soirbheachail san uisge mar-thà.
Ghlèidh Dàibhidh Florence bònn airgid aig na geamaichean Oilimpigeach ann am Beijing bho chionn 4 bliadhna.
Tha dùil gum bi am pròiseact deiseil an ceann mu 2 bhliadhna.