Barrachd chroitearan a' dèanamh feum dhen fheamainn

Feamainn
Image caption Tha fèill mhòr air feamainn Uibhist

Tha an àireamh chroitearan ann an Uibhist a tha a' dèanamh feum de sgeama a chruinnicheas feamainn dhaibh air dùblachadh am bliadhna.

An-uiridh cha do chuir ach 30 duine an ainm ris an sgeama, an taca ri 60 croitear am bliadhna.

B' ann an-uiridh a thòisich Machair Life a' cruinneachadh na feamad, 's iad airson croitearan a bhrosnachadh gu bhith ga cleachdadh an àite todhar-gallda.

Togail na feamad

Bidh luchd-obrach a' phròiseict a' siubhail air feadh Uibhist ga cruinneachadh agus a' cur nas urrainn dhaibh dhith air tìr.

Thuirt Dòmhnall MacAonghais a tha ag obair dha Machair Life gum bi muinntir an àite a' cur fios thuca a thaobh càite a bheil an fheamainn.

"Ma tha e ann an àite neo dha aig an aon àm tha sin caran doirbh ach bidh daoine a' fònadh thugainn agus ag innse dhuinn cà' bheil e" thuirt e.

Thuirt e cuideachd gum bi an fheamainn a' fuireach nas fhaide ann an cuid de dh'àitean na bhios ann an àitean eile.

Tha buaidh cuideachd aig an t-sìde air cho fad 's a bhios aca airson an fheamainn a thogail.

Tha dùil gum faodadh gnothach a bhith aig prìs àrd an todhair-gallda air an àireamh àrd de chroitearan a tha a' cleachdadh na feamad am bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile