Comhairle na Gàidhealtachd gun ghearraidhean ùra
- Air fhoillseachadh
Cha bhi gearraidhean ùra sam bith aig Comhairle na Gàidhealtachd ri lorg nuair a steidhicheas iad am buidseat aca an-diugh.
Ach tha sin gu ìre mhòr air sgàth 's gun robh iad air na gearraidhean airson na h-ath bhliadhna ionmhais aontachadh mar-thà.
Thèid airgead a bharrachd a chuir ri cuid de sheirbheisean.
Ach tha dùil gun tèid gearraidhean eile a chuir an gnìomh a-rithist ann an 2013.
Bha comhairle na Gàidhealtachd air £20m de ghearradh aontachadh mar-thà airson na h-ath-bhliadhna ionmhais.
Rabhadh
Ach bha iad air rabhadh a thoirt mun àm-sa an-uiridh gum biodh aca ri eadar £3m agus £4m a bharrachd air a sin a lorg cuideachd.
Cha bhi a-nis.
Tha iad a' faighinn barrachd airgid bhon Riaghaltas airson na h-ath-bhliadhna na bha iad an dùil.
Agus thèid iarraidh air comhairlichean £2m a bharrachd a chuir ri càradh nan toll anns na rathaidean.
Bidh sin a' tighinn bho airgead a bha a thasgadh aca airson suidheachaidhean èiginneach.
Agus thèid airgead a bharrachd cuideachd a chur ri druechdan ùra airson tidsearan a chuideachadh anns a' chlas.
Bidh rabhadh ann, ge-tà, gum bi iad air ais gu gearradh mun àm-sa an ath-bhliadhna.
Tha dùil gum bi sàbhalaidhean timheacheall air £50m a dhìth eadar 2013 agus 2015.