Buaidh an RET air croitearachd?

Tha dragh ann gun dèan cur às do RET air làraidhean cron air croitearachd.

Choinnich Buidheann Thar-phàrtaidh na Croitearachd ann am Pàrlamaid na h-Alba far an deach a' chùis a thogail.

Sgrìobhaidh a' buidheann ann an Holyrood do Mhinistear na Còmhdail, Cè Brown, airson na draghan aca a chur an cèill.

Thogadh draghan cuideachd nach eil uachdaran coimhearsnachd bhon na h-Eileanan an Iar air coimisean ùr na croitearachd.

Thuirt Coimiseanar Coimisean nan Croitearan airson nan Eilean Siar, Murchadh MacIllinnein gun do thog esan a' cheist mu RET aig a' choinneimh.

Bualadh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Draghangun dèan cur às do RET air làraidhean cron air croitearachd

Mhìnich Mgr MacIllinnein gu bheil e den bheachd gum bi na h-atharrachaidhean air RET a' bualadh air croitearan.

"Tha seo a' dol a thighinn gu cruaidh air croitearan agus thàinig e gu math sgiobalta oirnn.

"Ach tha sinn a' feuchainn a' cur stad air a seo agus a' feuchainn an uairsin ri rud eile a dèanamh leis.

Tha Ministear na Còmhdhail, Cè Brown air cantainn mar-thà nach eil airgead ann airson an sgeama a chumail a dol airson carbadan mòra coimeisealta.

Ach thuirt am Ministear gun coimhead e ris an t-suidheachadh a-rithist agus gun tig e air adhart le molaidhean aig deireadh na seachdain.

Àrainneachd

Thug Murchadh MacIllinnein rabhadh seachad ge-tà ma thèid cosgaisean do na làraidhean suas gum bi sin a' toirt buaidh air prothaidean nan croitearan.

"Agus ma tha sin a' dol a thachairt, bidh an aon rud ann a-rithist - cha bhi daoine a' cumail stuic.

Lean e air: "An fheadhainn a tha a' cumail stuic, bidh e a' dol sìos agus sìos a h-uile bliadhna.

"Agus chan eil sin math dhan àrainneachd agus chan eil e math dha na h-eileanan.

Chualas cuideachd aig a' choinneimh gu bheil dragh anns na h-Eileanan Siar nach eil uachdaran coimhearsnachd às na h-eileanan air coimisean ùr na croitearachd.

Agus nochd ceistean a bheil coimiseanairean gu leòr anns na h-Eileanan an Iar airson còrr is 6000 croitear a riochdadh.

Tha a' bhuidheann thar-phàrtaidh cuideachd a' dol a sgrìobhadh chun an Riaghaltais airson moladh dhaibh coimhead a-rithist air na coimiseanairean agus ciamar a thèid an taghadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo