Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidseatan

Tha grunn mhath de dh'ùghdarrasan ionadail na h-Alba a' deasbad a' bhuidseit aca son na h-ath bhliadhn' ionmhais. Dh'aontaich iad mar-thà a' chìs chomhairle a chumail aig an aon ìre. Ach feumaidh tòrr co-dhùnaidhean a dhèanamh mu ciamar a tha iad an dùil an cuid airgid a chosg. Tha buidseat na h-Alba, a chaidh aontachadh an-dè, a' toirt £94m a bharrachd do chomhairlean thar 3 bliadhna. Thèid a' chuid as motha dhan a sin a chur mu seach, ge-tà, son a bhith a' leasachadh seirbheis a' bhuinn-leathainn ann an sgìrean dùthchail.

Siria

Thuirt luchd-iomairt ann an Homs ann an Siria gun deach co dhiù 30 duine a mharbhadh air an t-siathamh là de dh'ionnsaighean boma le feachdan armaichte. Chaidh mòran eile a ghoirteachadh. A-rèir an luchd-iomairt bhàsaich 400 duine bho thòisich feachdan an riaghaltais a' toirt ionnsaigh air a' bhaile Disathairne.

Figearan Meidigeach

Tha barrachd dhaoine ann an Alba a' cur làmh nam beatha fhèin, a-rèir àireamh sluaigh, na anns a' chòrr de Bhreatainn, agus tha a' bheàrn a' fàs nas motha. Tha Comhairle an Rannsachaidh Mheidigich ag ràdh gu bheil an àireamh ann an Alba 80% nas àirde na ann an Sasainn.

Rannsachadh adhair

Thàinig e am follais gum b'fheudar do phlèana luchd-siubhail a bha ag ullachadh son laighe aig Port Adhar Steòrnabhaigh a cùrsa atharrachadh gu h-obann ri linn eacarsaich le plèanaichean-airm ann an iar thuath na Gàidhealtachd. Thuirt aithisg CAA mun tachartas san Iuchar an-uiridh gun do cho-dhùin am paidhleat gun am plèana a thoirt gu talamh an dèidh dha dà thornado fhaicinn. Chunnaic e an uairsin dà heileacoptair-airm nach robh fiùs an luchd-iùil air fhaicinn. Tha an aithisg ag ràdh gu robh 14 itealan neo heileacoptair-airm faisg air a' phlèana choimearsalta nuair a bha i a' feuchainn ri laighe.

Geamaichean Oilipigeach

Rinnear càineadh air Comhairle Mhoiribh son aontachadh £10,000 a chosg air còisir a sheinneas nuair a thèid lasair nan Geamaichean Oilimpigeach tro Thom an t-Sabhail as t-samhradh. Tha an t-ùghdarras ionadail a' pàigheadh £4000 den airgead fhèin, agus rinn iad tagradh son tabhartas de £6000 bho Alba Cruthachail . Thuirt an comhairliche nàiseatach Mike Shand gun gabhadh an t-airgead a chosg air nithean nas fheàrr, agus gum biodh e a' cheart cho math dhaibh an t-airgead a thoirt seachad do dhaoine air an t-sràid.

Burns

Chaidh an ceann a thoirt far iomhaigh de Raibeart Burns ann am pàirce ann an New Zealand. Tha Comhairle Choimhearsnachd Timaru a' tabhainn $1000 airson fiosrachadh mu cho rinn e. Thuirt neach-labhairt na comhairle gu bheil e annasach gu bheil an leithid a' tachairt, leis gu bheil muinntir na dùthcha gu math dèidheil air Burns.