Sgeama ùr ceannachd son iasgairean a chuideachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' dol a dh'iarraidh cead air Coimisean na h-Eòrpa, sgeama ùr a chur air chois, a chuidicheas iasgairean, bàtaichean ùra a cheannachd.

Tha a' chuid as motha do bhàtaichean sna h-Eileanan còrr is 25 bliadhna dh'aois.

Agus às dèidh do riaghailtean na h-Eòrpa atharrachadh, chan urrainnear cuideachadh a thoirt do dh'iasgairean airson bàtaichean ùra a cheannachd.

Ach dh'fhaodadh e toirt bliadhna gu leth mus fhaigh an sgeama ùr a tha a' chomhairle a' moladh cead a dhol air adhart.

Thug an t-ùghdarras taic dhan gnìomhachas iasadan agus èarlas iasaid luach faisg air £2m eadar 2000 agus 2008.

Cosnadh

Tha a' chomharle ag ràdh gun robh seo a' dìon no a' cruthachadh faisg air 160 cosnadh.

Ach tha atharrachadh sna riaghailtean a thaobh taic stàite a' ciallachadh gum feum an sgiobair a bhith nas òige na 40 bliadhna agus a' ceannachd bàt-iasgaich airson a' chiad uair.

Ach tha a' mhòr-chuid de bhàtaichean anns na h-eileanan nas fhaide na 10 meatar a-nis còrr is 25 bliadhna a dh'aois.

Agus thathar ag ràdh gu bheil feum mòr air bàtaichean ùra a thoirt a-steach dhan ghnìomhachas.

A bharrachd air a sin, tha dùil gu bheil còrr is 25% de na bàtaichean a bha anns na h-Eileanan air a thighinn a-mach às a' ghnìomhachas sna 7 bliadhna a chaidh seachad.

Feumaidh iad a nise sgeama a chuir dhan Roinn Eòrpa bho riaghailtean cuideachadh stàite.

Agus feumaidh iad taic Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Bhreatainn fhaighinn airson sin a dhèanamh.

Bheir e co-dhiubh bliadhna gu leth mus bi e soilleir am faod an sgeama a dhol air adhart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo