Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Ghrèig

Thòisich aonaidhean ciùird na Grèige stailc dà latha an aghaidh ghearraidhean an riaghaltais. Tha ceannardan ionmhais Roinn an Euro air cuideam a chur air a' Ghrèig tuilleadh ghearraidhean a dhèanamh, mus toir iad 70bn euro eile dhaibh.

Prothaidean Bharclays

Dh'fhoillsich Banca Bharclays lùghdachadh beag sna prothaidean aca ro chìsean. Rinn iad £5.9bn còig an-uiridh, crìonadh de 3%. Thèid am bonus do luchd-obrach Barclays Capital a ghearradh - san fharsaingeachd - mu 30%. Dhearbh iad cuideachd nach fhaigh bancairean-tasgaidh càil a bharrachd na £65,000 head sa còig mìle not ann an airgead sna bonusan aca.

Bàs sa phrìosan

Fhuairear fireannach, fo chasaid gun do mhurt e dithis bhoireannach ann an Southport san Dùbhlachd, crochaichte na chealla. Bhathar a' cur as leth Bharry Morrow, 52, gun do mhurt e Angela Holgate, agus a màthair Alice Huyton. Chaidh an tachdadh. Bha Morrow air a bhith a' fuireach ann an taigh a' bhoireannaich as òige.

Comhairle Bhaile Ghlaschu

Dhearbh dithis chomhairliche Làbarach eile ann an Glaschu gu bheil iad a' fàgail na buidhne riaghlaidh. Bhòt na comhairlichean Andy Muir agus Ruth Black an aghaidh buidseat na comhairle an-dè. Thuirt an comhairliche Muir gur dòcha gu seas e sna taghaidhean ionadail sa Chèitean. Tha sin a' ciallachadh gu bheil còignear a-nis air a' bhuidheann fhàgail. Bha am pàrtaidh air co-dhùnadh mar-thà gun an cur air adhart mar thagraichean Làbàrach sna taghaidhean. Chaidh a' chuip a thoirt bho bhall eile. An t-seachdain a chaidh ghluais comhairliche Làbarach dhan phàrtaidh Nàiseanta.

Companaidh Chumhachd

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ullachadh airson Companaidh Chumhachd a stèidheachadh. Bhiodh a' chompanaidh ùr a' gabhail earrannan ann am pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail, agus a' reic dealain ri muinntir nan eilean agus tìr-mòr. Tha iad ag ràdh gu faodadh nach bi an càball dealain a thathas ag amas fhaighinn tarsaing a' Chuain Sgìth mòr gu leòr airson na th' anns an amharc de leasachadh cumhachd. Ach tha iad ag ràdh gun dèan sgeama eile airson griod-dealain fon mhuir dhan Roinn Eòrpa gu lèir e comasach leasachadh cumhachd mòr a dhèanamh anns na h-eileanan.

Siria

Dh'aithris telebhisean stàite Shiria gu robh dà spreadhadh ann an Aleppo ann an ceann a tuath na dùthcha agus gun deach grunn dhaoine a mharbhadh. Choirich na h-ùghdarrasan an ionnsaigh air buidhnean ceannairc armaichte. Thuirt iad gur e ionad airm brathaidh agus ionad tèarainteachd na targaidean air an robhar ag amas.