Cha bhi Rathad an t-Sròim a' fosgladh an t-seachdain-sa

Maoim-slèibhe air an A890 Image copyright Other
Image caption Thachair a' chiad mhaoim-slèibhe 22na an Dùbhlachd

Cha bhi seach-rathad an t-Sròim a' fosgladh a-rithist an t-seachdain seo mar a bha dùil.

Dhùin an rathad, ann an Ros an Iar, aig àm na Nollaige às dèidh maoim-slèibhe.

Bha dùil gum fosgladh an rathad do thrafaig a-rithist Dihaoine, fhad 's a chuirte crìoch air obair-càraidh as dèidh na maoim-slèibhe.

A dh'aindeoin 's gu bheil iad air 700,000 tunna de chreig a thoirt air falbh ge-tà, tha luchd-einnsinìridh fhathast ag ràdh gu bheil e ro chunnartach.

Seirbheis trèana

Lorg iad tuilledh phìosan de chreig sa bheil 5 tunna de chuideam os cionn an rathaid, nach eil seasmhach.

Bidh an t-aiseag a' ruith thar a' chaolais treis fhathast, a thuilleadh air seirbheis trèana shònraichte airson clann-sgoile à Loch Carrann a thoirt gu Àrd-sgoil a' Phluic.

Cha bhi an t-aiseag ri fhaotainn às dèidh na Càisge ge-tà, agus i a' falbh air ais don t-slighe àbhaistich aice aig Caol Reithe.

Thathas an dòchas ge-tà, gum bi cùisean air ais dhan àbhaist air 17mh am Màrt.

Bidh an obair-càraidh a' leantainn 24 uairean san là.

Chosgadh fuasgladh maireannach don trioblaid airgead mòr.

Tha dùil gun tadhail Ministear na Còmhdhail, Cè Brown, air an sgìre a dh'aithghearr, ach chan eileas an dùil gun geall e taic-airgid.

Nochd mu 50 duine aig coinneimh phoblaich anns an Achadh Mhòr oidhche Luain, agus an sluagh ag iarraidh air a' Chomhairle barrantas a thoirt dhaibh nach bi iad air am fàgail a-rithist às aonais a' cheangail rathaid.

Bidh coinneamh eile ann oidhche Mhàirt ann an Loch Carrann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile