Daoine diombach mu ghearraidhean sgeama High Life
- Air fhoillseachadh
Tha daoine a' togail fianais san Aghaidh Mhòir mu cho-dhùnadh cur às do sgeama High Life aig an taigh-òsta mhòr le MacDonald Hotels sa bhaile.
Bha companaidh a' ruith sgeama a bheireadh lùghdachadh air cosgais a bhith a' cleachdadh ghoireasan cur-seachad an taighe-òsta, ann an co-bhann le Comhairle na Gàidhealtachd.
Fon sgeama gheibheadh muinntir an àite cothrom air goireasan leithid an talla-spòrs agus an amar-snàimh, air prìsean nas ìsle, 's iad a' pàigheadh £23.60 sa mhìos.
Tha iomagain air luchd-iomairt nach eil goireasan eile den leithid faisg gu leòr orra.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 1 An Gearran 2012
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh