Sgrùdadh a' càineadh rathaidean Earra-Ghàidheal

'S ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a tha na rathaidean as miosa an Alba, a rèir sgrùdaidh ùir.

Mheas an sgrùdadh còmhdhail gun robh an còigeamh cuid de na rathaidean as miosa san dùthaich, anns an sgìre.

'S iad Muile agus Ìle na h-àiteachan as miosa dhiubh.

Fhuair an sgrùdadh nach eil ach beagan is 60% de rathaidean na dùthcha ann an deagh staid.

Tha faisg air 20% de rathaidean Earra-Ghàidheal is Bhòid ge-tà, ann an staid èiginneach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile