Gealltanas air faraidhean aiseig
- Published
Tha Ministear Còmhdhail na h-Alba, Cè Brown, ag ràdh nach tèid faraidhean bathair aiseagan nan Eilean Siar an-àirde bhon Ghiblein barrachd air 50%.
Thhuirt e nach tug luchd-bathair buannachdan RET do luchd-cleachdaidh, agus gu bheil e a' cur taic eile na àite.
Tha luchd-bathair ag ràdh gur e na tha iadsan ag iarraidh ach RET a chumail.
Thuirt Mgr Brown gun robh e a' cur £2.5m a bharrachd ri taic do luchd-bathair, a bhiodh a' cumail àrdachadh faraidhean sìos.
Buaidh Eaconamach
Thuirt e gum fàgadh sin gun robh an Riaghaltas a' cur £5.3m uilr gu lèir ri faraidhean RET bhon Ghiblean.
Thuirt e gum fàgadh seo faraidhean cothromach do luchd-bathair gu lèir, agus gun deadh iad ann an co-bhanntachd ri luchd-bathair airson cudrom a chur air Riaghaltas Bhreatainn a thaobh prìs a' chonnaidh.
Nì iad cuideachd rannsachadh air buaidh eaconamach nam faraidhean ùra.
Ach tha figearan an Riaghaltais fhèin, a chaidh fhoillseachadh san t-Samhain, a' sealltainn gur e gearradh a tha sin bhon £6.5m a chuir iad ri RET an-uiridh.
Tha Mgr Brown a' cumail a-mach nach tug luchd-bathair buannachdan RET do luchd-cleachdaidh, 's e ag ràdh gun deach a chleachdadh airson àrdachadh ann am prìs a' chonnaidh, VAT agus àrachas a choinneachadh.
Tha Buidheann Luchd-bathair Innse Gall ag ràdh nach i cùis a tha seo do luchd-bathair a-mhàin, ach cìs air a h-uile duine agus a h-uile dachaigh anns na h-Eileanan.
Tha a' Bhuidheann a' coinneachadh ri Comhairle nan Eilean Siar Diciadain an t-seachdain seo feuch ciamar a ghabhas an iomairt a bhrosnachadh.