BBC Naidheachdan

Cuirm a' tòiseachadh na h-obrach air campas ùr UHI

Published
image copyrightbbc
image captionCosgaidh am pròiseact mu £75m
Thèid cuirm shònraichte a chumail ann an Inbhir Nis Dimàirt gus toiseach tòiseachaidh a chomharrachadh air obair-togail a' champais ùir aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI).
Tha dùil gun cosg am pròiseact, a tha a' dol air adhart aig an Fhaidhbhileach (Beechwood), £75m.
Còmhla ri UHI air an làraich bidh Colaiste an Àiteachais, agus Colaiste Inbhir Nis, a thuilleadh air goireasan rannsachaidh, gan toirt ri chèile.
Aig a' chuirm, bidh Rùnaire an Ionmhais Iain Swinney, agus riochdairean bho Phàrlamaid Òigridh na Gàidhealtachd.
Thuirt Stiùiriche a' Phròiseict, Ruairidh MacNèill, gur e seo am pròiseact as cudromaiche a th' aig UHI, agus gum bi an làrach ùr na buannachd do dh'eaconamaidh na sgìre.