BBC Naidheachdan

Geamhradh mar a bha air a' Ghàidhealtachd

Published
image captionTrì trèanaichean smuid 's daoine a' feuchaidh ri an cladhaich a-mach às an t-sneachd. Chìthear einnsean Barclay 2-4-0(Àireamh 43). Tha am fear air a' chabar a' cleachadh teicneòlas teileagraf son fios a chur do stèiseanan eile.
image captionDealbh de chaisteal Inbhir Nis fon t-sneachd a chaidh a thogail sna 1960an. Chaidh an togalach mar a tha e an dràsta a thogail eadar 1833-36. Tha dùn de sheòrsa air choireigin air a bhith suidhichte air an làraich bhon 11mh linn.
image captionA' Phrìomh Shràid ann an Inbhir Nis. Chaidh an dealbh a thogail sna 1950an bhon Gheata an Ear. Bha trafaig a' gluasad air gach taobh den rathad a tha a-nis air a dhùnadh airson luchd-coiseachd a bhios a' dol timcheall nam bùithtean.
image captionBha Cluba Ball-coise Caledonian stèidhichte air Sràid Thelford ri taobh taigh-staile a' Ghlinne Mhòir. Chaidh an togalach seo son luchd-leanntainn a thogail às dèidh dhan t-seann ghoireas a dhol na theine ann an 1950.
image captionCarbad agus làraidh le trèilear a' feuchainn ri faighinn seachad air a chèile ann an sneachd domhainn air an Òrd Ghalllach.
image captionBus air an t-slighe gu ruige Inbhir Ùige, 's coltas ann gu bheil e glaicte san t-sneachd air an Òrd Ghallach. Tha grunn dhaoine air cruinneachadh air an rathad ri taobh a' bhus. Thogadh an dealbh sna 1950an.
image caption'S e an t-Sràid Ùr a bha air Sràid na ha-Acadamaidh ann an Inbhir Nis mus deach a h-ainm atharrachadh. Chaidh a h-ainmeachadh às dèidh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, a thogadh ann an 1792.