Stiùideo
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Gearran 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rangers

Tha cathraiche Rangers, Craig Whyte, air coinneachadh ri cluicheadairean a' chluba madainn an-diugh, an dèidh naidheachd an là an-dè gur dòcha gum feum iad a dhol ann an rianachd. Tha Rangers an dùil còmhraidhean a bhith aca ann an oidhirp an cluba a shàbhaladh bho dhol fodha. Thuirt Poilis Shrath Cluaidh gun robh iad ag iarraidh soilleireachaidh bho Rangers air an t-seirbheis phoilis aig a' gheama an aghaidh Cille Mheàrnaig aig Ibrox Disathairne.

Ìre na h-Atmhorachd

Tha ìre na h-atmhorachd air tuiteam a-rithist. Bha i aig 3.6% anns an Fhaoilleach - sin an taca ri 4.2% anns an Dùbhlachd. Bha àireamh RPI a tha cuideachd a' gabhail a-steach mhorgaidsean, cuideachd nas ìsle - aig 3.9% an coimeas ri 4.8% anns an Dùbhlachd.

RET

Thuirt Ministear Còmhdhail na h-Alba, Keith Brown, nach tèid faraidhean bathair air aiseagan nan Eilean Siar an-àirde barrachd air 50% bhon Ghiblean. Thuirt e gu bheil an Riaghaltas a' cur taic de sheòrsa eile anns a bheil luach £2.5m, an àite RET. Tha e ag ràdh nach tug luchd-bathair buannachdan RET do luchd-cleachdaidh. Ach tha luchd-bathair ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh RET a chumail.

Seach-rathad an t-Sròim

Chaidh dàil a chur ann a bhith a' fosgladh seach-rathad an t-Sròim a-rithist mar thoradh air obair-càraidh nas seasmhaiche a thathar a' dèanamh air an rathad. Dhùin an rathad ron Nollaig as dèidh maoim-slèibhe. Aig coinneimh phoblaich anns an Achadh Mhòr, faisg air a' Phloc, an-raoir, chaidh innse nach biodh an rathad a-nise fosgailte gu cola-deug bho an-diugh an 27mh là den mhìos.

Inbhe Chreideis Bhreatainn

Tha an Seansalair, Seòras Osborne, air a bhith a' dìon ro-innleachd eaconamaich an Riaghaltais as dèidh mar a thuirt buidheann creideis gur ann dubhach a tha cùisean a' coimhead dhan dùthaich. Tha am pàrtaidh Làbarach air a ràdh gum feum an Riaghaltas a-nise barrachd a chosg gus fàs anns an eaconamaidh a bhrosnachadh. Ach thuirt Mgr Osborne gun robh seo a' sealltainn nach bu chòir do Bhreatainn càil atharrachadh ann a bhith a' lùghdachadh nam fiachan aca.

Bangkok

Chaidh co-dhiù aon duine a dhroch leòn ann an sreath spreadhaidhean ann am prìomh bhaile Thailand Bangkok. Thachair na spreadhaidhean faisg air taigh a bh' air màl aig triùir dhaoine à dùthaich chèin. Thathar a' creidsinn gur ann à Ioran a bha iad. Ruith dithis a-mach às an togalach as dèidh a' chiad spreadhaidh, ach chaidh an treas duine a dhroch leòn as dèidh mar a chaidh aithris gun deach bomaichean a chaitheamh air tacsi agus air na poilis.

Whitney Houston

Chaidh corp an t-seinneadair Whitney Houston a thoirt à California chun na stàite anns an do rugadh i, New Jersey. Tha dùil gun tèid a tiodhlaigeadh an sin uaireigin an t-seachdain seo. Chaidh Whitney Houston a lorg gun mhothachadh ann an amar ann an taigh-òsta ann am Beverley Hills. Tha na h-ùghdarrasan ag ràdh gum faodadh gun toir e grunn sheachdainnean mus tèid dearbhadh fhaighinn air dè dìreach a dh'adhbhraich a bàs.