BBC Naidheachdan

Taghadh son Cupa MhicThàmhais

Published
image copyrightOther
image captionBhuannaich Ceann a' Ghiuthsaich an fharpais an-uiridh
Chaidh an taghadh a dhèanamh an-diugh ann an Inbhir Nis airson na ciad chuairt de Chupa MhicThàmhais.
Cluichidh Ceann a' Ghiuthsaich, a thog an Cupa an-uiridh agus a' bhòn-uiridh, air falbh bhon taigh an aghaidh Chinn Loch Seile, an aon sgioba ris an coinnich iad air a' chiad là den t-seasan.
Tha taghadh nas fhasa aig an sgioba eile a bha sa chuairt dheireannaich an-uiridh, an Gearasdan. Cluichidh iadsan Caberfèidh bhon chiad roinn aig tuath, aig an taigh.
Chaidh Cupa MhicThàmhais - an fharpais airson nan sgiobaidhean aig tuath - a chluich airson a' chiad turais ann an 1898 is b'iad Camanachd an Eilein Sgitheanaich a thog an Cupa an turas sin.
Tòisichidh iadsan am bliadhna air falbh bhon taigh an aghaidh Shrath Ghlais, an taghadh sin agus am fear eadar Loch Abar is Loch Carrann an aon fheadhainn anns nach eil sgioba bhon Phrìomh Lìg.
Tha Baile Ùr an t-Sleibh agus Cill Mhàillidh anns an dara cuairt den fharpais mar thà.
Thèid na geamaichean an cluich air an là mu dheireadh den Mhàirt, is thèid a' chuairt dheireannach a chluich am bliadhna ann an Inbhir Nis air an 16mh den Chèitean.
An taghadh air fad.
Loch Abar v Loch Carrann
Gleann Urachadan v Inbhir Nis
An Gearasdan v Caberfèidh
Srath Glas v An t-Eilean Sgitheanach
A' Mhanachainn v Lobhat
Ceann Loch Seile v Ceann a' Ghiuthsaich
San dara cuairt mar thà
Baile Ùr an t-Sleibh, Cill Mhàillidh