Cànan na Cuimrigh a' crìonadh

Image copyright bbc
Image caption Tha àireamh an luchd-labhairt air a bhith ag èirigh sna bliadhnaichean a dh'fhalbh

Ged a tha a' Chuimris air a faicinn mar chànan a tha an ìre mhath falainn, seasmhach, tha rannsachadh ùr air sealltainn nach eil sin cho fìor 's a shaoilear.

Thug ceannard Bwrdd Yr Iaith Gymraeg (Bòrd na Cuimris), Meirion Prys Jones, rabhadh seachad gu bheil an cànan a' call 3,000 neach-labhairt sa bhliadhna, agus a' lagachadh mar chànan coimhearsnachd anns na sgìrean anns a bheil i air a bhith an ìre mhath làidir san linn mu dheireadh.

A dh'aindeoin sin, thuirt e gu bheil a' Chuimris ga leasachadh ann an roinnean eile de bheatha na dùthcha.

Thèid am Bwrdd à bith anns a' Ghiblean, le Coimiseanair Cànain ùr ga chur na àite, a bhios ag obair am broinn an Riaghaltais fhèin.

Cothrom na Fèinne

Tha eagal air cuid nach bi an aon ìmpidh air Riaghaltas na Cuimrigh an uair sin leasachaidhean a thoirt air adhart anns a' chànan.

Tha aithisg ùr bhon Bhòrd ag ràdh gum faigh mu 6,500 neach-labhairt bàs gach bliadhna, agus gum fàg 5,200 an dùthaich gach bliadhna.

Tha na h-àireamhan sin nas motha na na tha de dh'inbhich ag ionnsachadh a' chànain, agus clann a tha ga h-ionnsachadh no ga faighinn aig a' ghlùin.

Tha Mgr Jones ag ràdh gu bheil e den bheachd nach cuidich am modal ùr a tha an Riaghaltas a' cur air adhart, cho mòr 's a tha am Bwrdd air a bhith a' dèanamh.

Tha Riaghaltas na Cuimrigh ag ràdh gu bheil iad gu mòr airson 's gun soirbhich leis a' chànan.

Ach tha Mgr Jones ag ràdh gum feumar tuilleadh airgid a chur rithe, 's gu bheil feum cuideachd air atharrachadh mòr 's an t-sealladh a th' aig an Riaghaltas den chànan.

"Tha mi a' smaoineachadh gur i cànan a th' ann a tha a' fàs ann an cuid de dhòighean, ach mar chànan coimhearsnachd tha i a' dol bàs.

"Ged a tha an cànan a' soirbheachadh gu mòr ann an cuid de dhòighean, tha i fhathast beò fo sgàil chànain eile a tha gu math mòr, agus a tha na lingua franca air feadh an t-saoghail.

"Feumar tuilleadh airgid a chur rithe, agus smuaintean ùra cuideachd, airson cothrom na Fèinne a thoirt dhi.

"'S ann bhon Bwrdd chun an Riaghaltais a tha an sruth air a bhith a' ruith thuige seo, 's chan ann an rathad eile.

"Leis an uallach a-nis gu bhith air an Riaghaltas fhèin, cò às an tig an ìmpidh?" thuirt e.

A rèir a' Chunntais-shluaigh, tha mu 582,000 duine sa Chuimrigh a bruidhneas an cànan - 300,000 dhiubh sin gu fileanta agus a' chuid as motha dhiubh sin ag ràdh gum bruidhinn iad i a h-uile là.

Bha ceudad sluaigh an luchd-labhairt air èirigh 2.1% anns a' Chunntas-sluaigh mu dheireadh seach mar a bha cùisean roimhe.

Mu mheadhan na 19mh Linne ge-tà, bha mu 80% de shluagh na Cuimrigh 's Cuimris aca.

Thug atharrachaidhean mòra eaconamach, agus dìth inbhe aig ìre oifigeil air a' chànan crìonadh gu mòr ge-tà, agus ann an 1911, airson a' chiad turais ann an eachdraidh chlàraichte, bha luchd-labhairt a' chànain nam mion-shluagh (43.5%) sa Chuimrigh.

Tha an crìonadh anns na coimhearsnachdan an-diugh a' tachairt air adhbharan caran coltach ris na tha a' cur cuideim mòr air a' Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan na h-Alba.

"Tha e fìor a ràdh gu bheil àireamh nan daoine a tha a' bruidhinn a' chànain air a bhith a' fàs gu slaodach, co-dhiù eadar 1991 agus 2001," thuirt Ruairidh Francis, a tha a' fuireach ann an ceann a tuath na Cuimrigh.

"Ach tha na coimhearsnachdan far a bheil a' chànain air a cleachdadh gu nàdarra, anns na bùithdean, ann an raon-cluiche na sgoile, anns na taighean-seinnse, a' sìor fhàs nas gainne.

"Mar sin tha dùbhlan mòr ron chànan," thuirt e.

Figearan Oifigeil

Sheall an Cunntas-sluaigh ann an 2001 gun do rugadh 25% de na daoine a tha a' fuireach sa Chuimrigh taobh a-muigh na dùthcha.

Image copyright bbc
Image caption Thèid am Bwrdd à bith sa Ghiblean, le Coimiseanair ùr a' dol na àite

Ged nach eil figearan oifigeil rim faighinn airson na tha de luchd-labhairt na Cuimris anns a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, tha sgrùdadh bho 1993 a rinn an seanal telebhisein Cuimris, S4C, a' sealltainn gun robh mu 133,000 neach-labhairt a' fuireach ann an Sasainn, le mu 50,000 dhiubh sin ann an Lunnainn.

Tha suas ri 5,000 duine a bhruidhneas Cuimris cuideachd a' fuireach ann am Patagonia an Aimeireaga a Deas.

A thaobh nam figearan dheth, tha a' Chuimris a' coimhead falainn an coimeas ris a' Ghàidhlig. 'S e seasmhachd agus adhartas ge-tà, a tha a' dèanamh dragh do luchd-iomairt a' chànain.

Le àireamhan de luchd-labhairt ag èirigh, tha adhbhar dòchais ann airson àite a' chànain ann am beatha phoblaich sa Chuimrigh.

Air a shon sin, bidh luchd na Cuimris, a thuilleadh air luchd na Gàidhlig, a' coimhead gu dlùth ris na thig às a' Chunntas-shluaigh a rinneadh an-uiridh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile