BBC Naidheachdan

Dragh mu stèiseanan smàlaidh air Ghàidhealtachd

Published

Is coltach gum bi grunn stèiseanan smàlaidh a' dùnadh air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha ceannardan na seirbheis ag ràdh nach eil airgead aca airson an cumail fosgailte.

Tha iad den bheachd nach eil an t-seirbheis an-dràsta air bunait sheasmhach, is cosgaisean air èirigh gu mòr.

A thuilleadh air stèiseanan a dhùnadh, tha iad a' moladh gun a dhol air adhart le grunn stèiseanan ùra, nam measg Ùige san Eilean Sgitheanach.