Chaidh Rangers ann an làmhan an luchd-rianachd.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Rangers ann an làmhan luchd-rianachd

Chaidh Rangers ann an làmhan an luchd-rianachd Dimàirt.

Chaidh a' chompanaidh rianachd Duff & Phelps fhastadh airson an obair a ghabhail os làimh.

A rèir riaghaltan Prìomh Lìog na h-Alba tha Rangers a-nis a' call 10 puingean, gam fàgail 14 air dheireadh air Celtic.

Thachair seo às dèidh do Roinn nan Cuspainn 's nan Cìsean tagradh a dhèanamh ri Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann gus an luchd-rianachd aca fhèin a chur os cionn a' chluba.

Thàinig tagradh HMRC air beulaibh na cùirteach leis nach eil am fear leis a bheil Rangers, Craig Whyte, air mu £9m de chìsean a phàigheadh bhon a cheannaich e an cluba bho Sir Dàibhidh Moireach sa Chèitean an-uiridh.

Dhearbh Mgr Whtye Diluain gun robh Rangers air pàipearan a chur mu choinneamh na cùirteach gus a dhol ann an làmhan an luchd-rianachd.

Bha dùil gun toireadh am pròiseas sin suas ri 10 là, ach dh' atharraich tagradh HMRC an gnothach.

Rèiteachadh

'S iad Pòl Clark agus Dàibhidh Whitehouse bhon chòmpanaidh Duff & Phelps a bhios os cionn Rangers san àm ri teachd sa chluba a' feuchainn ri dòigh a lorg an suidheachadh ionmhais aca a chur ceart.

"Tha an cluba air a bhith ag obair gu dluth còmhla ri HMRC thairis air na mìosan a chaidh gus an suidheachadh a rèiteachadh", thuirt Mgr Clark

"Chan eil sin dol a thachairt leis an airgead a tha Rangers a' call is na trioblaidean cìse aca a' fàs."

Image copyright Reuters
Image caption Pàirce Ibrox

"Tha eachdraidh fhada agus pròiseil aig Rangers, eachdraidh a tha sinn an dòchas a leanas, agus nì sinn ar dìcheall gus sin a chumail a' dol.

"Tha gach neach aig a bheil buaidh air an t-suidheachadh ag obair airson maith Rangers"

Às dèidh fios thighinn a-mach, thuirt fear-labhairt HMRC nach b' urrainn dhaibh dad a ràdh mu chùisean fa leth ach "ma thèid cìsean a thoirt bho luchd-obrach feumaidh an uairsin an t-airgead a phàigheadh gu HMRC".

"Mura dèan gnìomhachas sam bìth sin, tha an gnìomhachas ann an cunnart"

Thuirt am fear leis an robh Rangers roimhe, Sir Dàibhidh Moireach, gur e briseadh dùil mòr a bh'ann dha gun robh Mgr Whyte air luchd-rianachd fhastadh aig an ìre sa.

Ach, thuirt Poilis Strath Chluaidh gun robh iadsan air bruidhinn ris an luchd-rianachd agus nach robh teagamh sam bith orrasan a-nis gun deadh an geama aig Rangers agus Cille Mhearnaig air adhart aig an deireadh-sheachdain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo