Dragh nach fhosglar rathad an t-Sròim ro dheireadh na mìos

Dh'aidich luchd-einnsiniridh gur dòcha nach fhosgail rathad an t-Sròim do thrafaig ro dheireadh na mìos ma 's e 's gum bi iomagain orra fhathast mu shàbhailteachd.

Nochd còrr is 100 duine aig coinneimh ann an Loch Carrann oidhche Mhàirt, far an do thog mòran dragh mun bhuaidh a tha dùnadh an rathaid a' toirt air a' choimhearsnachd.

Dhùin an rathad, ann an Ros an Iar, aig àm na Nollaige às dèidh maoim-slèibhe.

A dh'aindeoin 's gu bheil iad air 700,000 tunna de chreig a thoirt air falbh ge-tà, tha luchd-einnsiniridh fhathast ag ràdh gu bheil e ro chunnartach.

Seirbheis trèana

Lorg iad tuilledh phìosan de chreig sa bheil 5 tunna de chuideam os cionn an rathaid, nach eil seasmhach.

Bidh an t-aiseag a' ruith thar a' chaolais treis fhathast, a thuilleadh air seirbheis trèana shònraichte airson clann-sgoile à Loch Carrann a thoirt gu Àrd-sgoil a' Phluic.

Cha bhi an t-aiseag ri fhaotainn às dèidh na Càisge ge-tà, agus i a' falbh air ais don t-slighe àbhaistich aice aig Caol Reithe.

Thathas an dòchas ge-tà, gum bi cùisean air ais dhan àbhaist air 17mh am Màrt.

Bidh an obair-càraidh a' leantainn 24 uairean san là.

Chosgadh fuasgladh maireannach don trioblaid airgead mòr.

Tha dùil gun tadhail Ministear na Còmhdhail, Cè Brown, air an sgìre a dh'aithghearr, ach chan eileas an dùil gun geall e taic-airgid.

Nochd mu 50 duine aig coinneimh phoblaich anns an Achadh Mhòr oidhche Luain, agus an sluagh ag iarraidh air a' Chomhairle barrantas a thoirt dhaibh nach bi iad air am fàgail a-rithist às aonais a' cheangail rathaid.

Bidh coinneamh eile ann oidhche Mhàirt ann an Loch Carrann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile