Dragh gun lùghdaichear seirbheis aiseig Armadail

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dh'fhaodadh gun lùghdaichear seirbheis aiseig Armadail.

Tha dragh air muinntir Shlèite gun lùghdaichear an t-seirbheis aiseig eadar Armadal agus Malaig ri linn Ath-sgrùdadh nan Aiseagan.

Anns a' phàipear chonaltraidh, tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach i seirbheis dheatamach a th' innte, ach seirbheis a tha cudromach do luchd-turais a-mhàin.

Tha an t-seirbheis a' ceangal chinn a deas an Eilein Sgitheanaich ri sgìre Mhòrair, agus am prìomh rathad A851/A830 eadar an t-Ath Leathann agus an Gearasdan.

Chaidh seirbheis seachd là san t-seachain a stèidheachadh sa Gheamhradh air an t-slighe airson a' chiad turais riamh air a' gheamhradh seo.

Call Cosnaidh

Tha an t-aiseag a' gearradh na h-ùine a tha e a' toirt a bhith a' siubhail eadar an t-Eilean Sgitheanach is meadhan na h-Alba bho 5 uairean a thìde, gu dìreach 4.

"Tha sin a' dèanamh diofair mhòir do luchd-turais a tha a' cur romhpa falbh air turas goirid. 'S e tursan goirid rud a tha gu math cudromach dhuinn," thuirt Cairistìona Jamieson, Manaidsear Margaidheachd aig Ionad Chloinn Dòmhnaill.

"Tha e gar toirt bho fhastadh dhaoine gu ràitheil, gu fastadh dhaoine fad na bliadhna.

"Tha sinn a' feuchainn ri togail air sin, 's mar sin tha an t-seirbheis aiseig riatanach dhuinn," thuirt i.

Tha pàipearan an Riaghaltais a' sealltainn, ri linn cho soirbheachail 's a tha an t-seirbheis le luchd-turais as t-samhradh, nach fheumadh iad cus taic-airgid a chur an dàrna taobh airson na seirbheis sin. Tha cùisean eadar-dhealaichte sa gheamhradh ge-tà.

Choinnich luchd-gnothachais on sgìre aig Sabhal Mòr Ostaig feasgar Dimàirt, a chnuasachadh pàipeir conaltraidh an Riaghaltais.

"Chan eil an dòigh a tha iad a' dol mun cuairt air a' dèanamh cus ciall ann an saoghal eaconamach nas motha a thaobh cò a tha a' dol a thoirt seachad seirbheis den t-seòrsa a tha a dhìth oirnn an seo," thuirt Tormod MacIllÌosa, a th' air a bhith iomadh bliadhna an sàs ann an gnìomhachas agus leasachadh san sgìre.

"Sin gun na cosgaisean a bhith fada na b'àirde na chosgadh iad do chuideigin mar Chal Mac an t-seirbheis sin a ghiùlain mar a tha iad a' dèanamh an-dràsta.

"Agus chan eil e dìreach iomchaidh a bhith a' cur air daoine a tha a' fuireach air seirbheis a tha 's dòcha prothaideach, na cosgaisean a ghiùlain iad fhèin.

"Tha thu a' dol a chall cosnadh, tha thu a' dol a chall luchd-turais, gu h-àraid ann an Slèite.

"Ach cuideachd tha buaidh aig seo air a h-uile àite eile cuideachd. Tha thu a' bruidhinn air daoine a tha a' tighinn bho thaobh Loch Abair a Mhalaig, a dh'Armadail, dhan Eilean Sgitheanach agus a-mach chun nan Eileanan an Iar, agus an aon rud air an t-slighe air ais.

"Tha e gu math cudromach gu bheil an t-seirbheis a tha seo air a cumail mar a tha i an-dràsta, agus bhiodh sinn an dòchas, air a leasachadh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile