Sgeulachdan is fiosrachadh mu na Hearadh gan cruinneachadh

  • Air fhoillseachadh
Na HearadhTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Tha daoine a' cruinneachadh sgeulachdan anns gach pàirt de na Hearadh

Tha sgioba saor-thoileach air tòiseachadh air seann sgeulachdan agus fiosrachadh a chlàradh anns a h-uile sgìre de na Hearadh.

Tha e mar phàirt de phròiseact dualchais a tha Landscape Partnership a' ruith.

Thèid na thèid a chruinneachadh a chur ann an leabhar-iùil do luchd-turais aig a bheil ùidh ann an dualchas.

Tha an obair air a maoineachadh le Stòras Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta, LEADER Innse Gall, SNH, Bòrd na Gàidhlig, agus Alba Aosmhor.

Dualchas nan Daoine

"Tha sinn a' dol a-mach a chlàradh sgeulachdan mu dheidhinn eachdraidh na sgìre," thuirt Manaidsear an Landscape Partnership, Joan Cumming.

"Gu h-àraid eachdraidh nam bailtean anns na Hearadh.

"Chan eil sinn airson 's gum bi dìreach deataichean is rudan mar sin anns na leabhar, ach gum bi barrachd na sin ann mu dheidhinn na sgìre 's nan daoine fhèin, 's nan rudan a bha daoine a' dèanamh anns na bailtean agus anns na togalaichean beaga anns na bailtean.

"Mar as trice le leabhraichean den t-seòrsa seo, bidh iad a' bruidhinn mu dheidhinn nan togalaichean mòra, 's nan caistealan 's nan daoine a bh' annta.

"Tha sinne airson 's gum bi tòrr eachdraidh anns an leabhar mu dheidhinn nan daoine às an sgìre fhèin 's na dòighean-beatha acasan.

"Tha daoine anns an sgìre a' dol a-mach a chlàradh sgeulachdan bho an nàbaidhean.

"An-dràsta tha sianar ag obair agus tha rùm ann airson sianar eile, oir tha sia innealan eile againn airson clàradh.

"A bharrachd air pròiseactan Gàidhlig, tha pròiseactan ann airson nàdair na sgìre, 's eachdraidh na sgìre 's arceòlas agus geòlas 's rudan mar sin.

"Cuspair sam bith co-cheangailte ri dualchas na Hearadh.

"Bidh làrach-lìn a' dol beò, mar a chanas iad, anns a' Ghiblean, agus anns a' chiad àite 's e am fiosrachadh a th' againn mar-thà a bhios air.

"Ach tha sinn airson 's gum bi an leabhar-iùil air a bheil sinn ag obair, air a chrìochnachadh ro dheireadh na bliadhna.

"Bhiodh e glè mhath nam biodh daoine deònach cuideachadh leis a' phròiseact.

"Tha sinn airson 's gum bi daoine às an sgìre ag obair còmhla rinn ann an dòigh sam bith.

"Ma tha iad airson fiosrachadh fhaighinn, cuir fòn thugainn fhèin ann an seo ann an Scalpaigh air 01859 540462," thuirt i.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh