Comhairle air £1m aontachadh airson Loch Baghasdail

  • Air fhoillseachadh
Loch BaghasdailTùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh,
Cosgaidh an obair £9.5m uile gu lèir

Tha Comhairle nan Eilean Siar air aontachadh gun cuir iad £1m ri maoineachadh pròiseact leasachaidh Loch Bhaghasdail ann an Uibhist a Deas.

Bhòt buill de Chomataidh Poileasaidh is Stòrais na Comhairle airson an t-airgead a chur ris a' phròiseact mhòr, luach £9.5m, aig cala Loch Bhaghasdail.

Cruthaichear taighean ùra, cala do iachtaichean, agus goireasan nas fheàrr do dh'iasgairean na sgìre.

Tha dùil gu bheil am maoineachadh bhon Chomhairle a' ciallachadh gum faodar tòiseachadh air an obair a dh'aithghearr.

Mar phàirt den leasachadh, cuirear cabhsair a-mach gu Eilean Ghàsaigh, gus uisge nas doimhne a thoirt a-steach don chala.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh