Càin £1,000 air boireannach airson bàs adhbharachadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh càin £1,000 agus casg-dràibhidh a chur air boireannach, aois 77, a mharbh boireannach eile nuair a dhràibh i a 4x4 thairis oirre ann an raon-pàrcaidh an Inbhir Pheofharain.
Chaidh Jean Bridgeford, a bha 54 agus na màthair do dhithis, a ghlacadh 's a shlaodadh fon Land Rover Freelander a bha Paula Ghrannd a' dràibheadh.
Thachair an tubaist aig raon-pàrcaidh Chrombaidh air Sràid Thulaich, mu 1:00f air 1mh an Lùnastail 2011.
Lorg luchd-eiridinn a' Bh.Ph. Bhridgeford marbh aig làrach na tubaiste.
Casg-dràibhidh
Thuirt a' Bh.Ph. Ghrannd nach fhaca i a' Bh.Ph. Bhridgeford.
Dh'aidich i gun do dh'adhbharaich i bàs na B.Ph. Bhridgeford le bhith a' dràibheadh gun chùram.
Nochd a' Bh.Ph. Ghrannd, a tha a' fuireach air Seann Rathad Bhaile Eoghainn ann an Inbhir Pheofharain, anns a' chùirt Diciadain airson breithneachadh an t-Siorraidh.
Thuirt an Siorram, John Halley, gun do ghabh e ris gun robh a' Bh.Ph. Ghrannd fìor dhuilich mu na thachair, agus gun robh e a' gabhail a-steach a suidheachaidh phearsanta, agus nach robh eachdraidh eucora aice, ann a bhith a' cur càin £1,000 oirre.
Chaidh cuideachd a casg bho bhith a' dràibheadh fad ceithir bliadhna.