Inbhir Theòrsa a' call an O'Neill Classic
- Air fhoillseachadh

Chaidh a dhearbhadh nach tèid farpais O'Neill Cold Water Classic air adhart ann an Inbhir Theòrsa am bliadhna.
Tha an fharpais air a bhith a' dol air adhart sa bhaile son còig bliadhna agus bhiodh luchd-surfaidh bho ar feadh an t-saoghail a' tighinn ann.
Ach tha a' chompanaidh, O'Neill, a tha stèidhichte anns an Stàitean Aonaichte, air roghnachadh an cuid airgid a chur ri farpais eile anns a' bhaile aca fhèin - Santa Cruz ann an California.
Bhiodh luchd-surfaidh a' strì airson còrr air £90,000 agus puingean rangaidh ann am farpais an t-saoghail nuair a bha farpais a' dol ann an Inbhir Theòrsa.
Ged is e buille mòr a tha seo dhan bhaile, tha dòchas aig mòran fhathast gun till an fharpais gu Gallaibh anns an àm ri teachd.