Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a' soirbheachadh gu mòr

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Adhartas ann am Foghlam Gàidhlig ann an Glaschu

An ceann sia mìosan, bidh 1% de chloinn sgoile Ghlaschu air fad ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Bidh an uair sin còrr is 600 sgoilear a' frithealadh Sgoil Ghàidhlig a' bhaile.

Thathas an dùil tidsearan ùra fhastadh 's seòmraichean teagaisg a bharrachd a chur gu feum.

Thathas a' dèanamh adhartais cuideachd le planaichean airson bun-sgoil fa-leth ann am Pollockshields, deas air Abhain Chluaidh.

Leudachadh

"Aig an ìre seo den bhliadhna, tha sinn dìreach air a bhith a' clàrachadh cloinne a tha ag iarraidh tighinn a-steach aig P1," thuirt Ceannard na Sgoile, Donalda NicComb.

"Tha 75 againn mar thà, 's uaireannan bidh feadhainn air dheireadh, 's bidh na formaichean aca a' tighinn thairis air na seachdainnean a tha romhainn.

"Aig an ìre aig a bheil sinn an-dràsta tha 15 clasaichean againn. Tha a h-uile seòmar againn làn, agus leis na h-àireamhan a tha dùil againn ris san Lùnastal, bidh feum againn 's dòcha air dà sheòmar eile anns a' bhun-sgoil, agus 's dòcha feadhainn eile san àrd-sgoil cuideachd.

"Os cionn sin ge-tà, 's e luchd-obrach, agus tha mi a' smaoineachadh gum bi feum againn air suas ri triùir thidsearan anns a' bhun-sgoil co-dhiù, agus tidsearan de dhiofar chuspairean anns an àrd-sgoil," thuirt i.

Tha an fheadhainn a tha an urra ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a chur air adhart ann an Glaschu gu math toilichte leis an t-soirbheachadh seo, agus iad ag ràdh gur e seo rud ris an robh iad a' coimhead o chionn fhada.

"Bha targaid againn gum biodh 1% a' faighinn foghlam tro Ghàidhlig ann an Glaschu, agus bidh sinn a' ruigsinn sin ann an 2012," thuirt Jim Whannel, bho Chomhairle a' Bhaile.

"'S e sin ceum mìorbhailleach airson a' chànain ann an Glaschu, rud gu math sònraichte airson Ghlaschu agus airson na Gàidhlig cuideachd," thuirt e.

Image copyright bbc
Image caption Dh'fhaodadh gum feumar dà sheòmar eile sa bhun-sgoil

Tha cliù mhath aig an sgoil am measg phàrantan Ghlaschu, agus tha sin a' tàladh phàrantan de dh'iomadh seòrsa, gu leòr aca gun cheangal ris a' Ghàidhlig.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil diofar adhbharan aig pàrantan airson a bhith a' taghadh na sgoile a tha seo," thuirt Donalda NicComb.

"Tha coimhearsnachd fada 's farsainn agam. Chan eil "catchment" agam mar a tha aig sgoiltean eile idir, 's e Glaschu gu lèir a th' ann, agus cuideachd roinnean taobh a-muigh a' bhaile.

"Tha tòrr phàrantan a' tighinn thugainn aig nach eil a' Ghàidhlig 's nach eil ceangal sam bith aca ris a' Ghàidhealtachd no na h-Eileanan agus gnothaichean den leithid sin.

"Ach tha mi a' smaoineachadh gu bheil deagh ainm aig an sgoil a thaobh an oideachaidh a tha na sgoilearan a' faighinn, agus cuideachd tha sinn a-nis aig ìre san àrd-sgoil far a bheilear a' faighinn deuchainnean aig Àrd-ìre.

"Agus thuige seo tha na h-àireamhan a tha a' tighinn air ais thugainn, tha iad uabhasach math, 's tha iad a' seasamh taobh ri taobh ri sgoil sam bith eile sa bhaile a tha seo," thuirt i.

Bun-sgoil eile

Thathas a' coimhead nas fharsainne na sin fiù 's, agus planaichean san amharc bun-sgoil Ghàidhlig ùr a thogail air làrach seann Sgoil Ghlinn Dail ann am Pollockshields.

"Tha planaichean ann a-nise, a tha sinn a' co-rèiteachadh le Riaghaltas na h-Alba airson maoineachadh airson na dàrna sgoile," thuirt Jim Whannel.

"Agus tha sinn an dòchas gum bi sin a' fosgladh aig Gleann Dail air taobh a' deas Ghlaschu.

"Bidh sin mar phàirt de champas ann an sin, le bun-sgoil ùr airson Ghlinn Dail agus cuideachd an dàrna bun-sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu.

"Bhiodh sin a-rithist, na cheum air adhart airson a' chànain ann an Glaschu, agus ann an Alba cuideachd.

"Ùghdarras le dà bhun-sgoil a' lìbhrigeadh foghlaim ann an Gàidhlig. Tha sinn an dòchas gum bi sin a' tachairt ann an 2013, no 2014," thuirt e.

Tha sin a' toirt misneachd do cheannard na sgoile a th' ann.

"Tha mi a' smaoineachadh gun cùm an sgoil a' fàs, agus a-rithist, ma tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn na dàrna bun-sgoil, bheir sin buaidh uabhasach math a-rithist air na h-àireamhan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt Donalda NicComb.

"Tha mi cinnteach gur i a' cheist a dh'fheumar fhaighneachd, 's i a thaobh luchd-obrach, agus cuideachd ma thachras gu bheil bun-sgoil againn ann an seo, 's bun-sgoil eile taobh thall na h-aibhne, am bi an togalach mòr gu leòr airson na tha ag iarraidh tighinn a-steach dhan àrd-sgoil. Ceistean mòra dha-rìribh, feumaidh mi a ràdh," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile